'An Eaconamaidh Ghàidhlig:
|
Cuspair: àite na Gàidhlig ann am beatha eaconamach agus ann an saoghal na h-obrach. Thathas a' cleachdadh na h-abairt 'an eaconamaidh Ghàidhlig' airson aon 15 bliadhna a-nis, ach tha ceistean ann mu chiall na h-abairt sin, mar a chì sinn.
[Tha an òraid seo stèidhte air an aiste 'Language Planning as Regional Development: The Growth of the Gaelic Economy'. Scottish Affairs, 38 (2002), 51-72, agus air an aithisg The State of the 'Gaelic Economy': A Research Report (Edinburgh: Department of Celtic and Scottish Studies, University of Edinburgh, 2001) (ri fhaighinn air an Eadar-lìon aig www.arts.ed.ac.uk/celtic/poileasaidh/GAELJOBSREP3.htm)]
Tha an ceangal eadar leasachadh eaconamach agus leasachadh cànain anabarrach cudromach, airson grunn adhbharan:
gu tradiseanta, cha robh luach eaconamach aig a' Ghàidhlig, agus bha na Gaidheil a' faicinn Beurla mar chànan an adhartais, an cànan a bha a dhìth airson gnothaichean an t-saoghail. Leis mar a tha cothroman cosnaidh ann far a bheilear a' cleachdadh Gàidhlig, is dòcha gu bheil an suidheachadh sin agus an fhaireachdainn sin ag atharrachadh agus a' lasachadh a-nis.
tha an t-atharrachadh seo air leth cudromach a thaobh taghaidhean nam pàrant. Tha pàrantan daonnan a' dèanamh cho-dhùnaidhean a rèir maith an cuid cloinne (na tha iad a' faicinn 's a' sùileachadh). Am bi iad a' bruidhinn Gàidhlig am broinn an taighe? Am bi iad a' taghadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig? Ma tha e coltach gum bi barrachd chothroman aig a' chlann ma tha iad dà-chànanach, thèid an cànan a neartachadh. Tha buaidh agus piseach air tachairt ann an Dùthaich nam Basgach ri linn seo, mar eisimpleir.
Tha eaconamaidh nan sgìrean far a bheil Gàidhlig mar chànan coimhearsnachd gu math bochd, agus tha an àireamh-shluaigh a' tuiteam. Tha cruaidh-fheum air leasachadh eaconamach. Ma tha e comasach leasachadh eaconamach a thoirt gu buil còmhla ri leasachadh cànain, bidh dà bhuannachd ann. ACH chan eil an dà rud co-ionnan, mar a chì sinn.
Tha eachdraidh na h-eaconamaidh Ghàidhlig ceangailte ri eachdraidh na h-iomairte Gàidhlig anns an fharsaingeachd. Mar a dh'fhàs foghlam Gàidhlig agus craoladh Gàidhlig, dh'fhàs obraichean agus cothroman-cosnaidh na lùib. Anns an darna phàirt den òraid seo bidh sinn a' coimhead air cor na h-eaconamaidh an-dràsta: dè an seòrsa obraichean a tha gan comharrachadh mar 'Gàidhlig riatanach' no 'Gàidhlig feumail'. Bidh fios agaibh gu bheil duilgheadas bunaiteach againn sa chiad dol-a-mach: gu bheil tòrr dhaoine a' faighinn airgead no fiù 's beòshlaint à sporan na Gàidhlig 's gun facal Gàidhlig nan ceann. Tha seo gu h-àraidh fìor ann an saoghal an telebhisein, is dòcha.
An rud a tha cudromach: chan e co-thuiteamas a tha seo. Seo mar a tha na daoine a tha an sàs ann an dealbhadh nan ro-innleachdan eaconomach a' coimhead air a' chùis. Is e an t-Ollamh Alan Sproull à Glasgow Caledonian University a rinn an obair as cudromaiche anns an raon seo, agus tha ro-innleachdan nan buidhnean-leasachaidh agus nam buidhnean Gàidhlig stèidhte air na h-aithisgean aige.
Seo mar a tha an t-Ollamh Sproull a' tuigsinn nàdar an eaconamaidh Ghàidhlig:
The phrase 'Gaelic economy' has occasionally been used, without definition, in the debate on factors shaping rural development in the Highlands and Islands of Scotland. From the standpoint of macroeconomics, it makes little sense to define such an economy in terms of the acts of production and exchange that are conducted through the medium of Gaelic [. . .] Taken to its extreme, the adoption of this approach would imply that if someone made a purchase in a local store and the transaction was conducted in Gaelic it would count as part of the 'Gaelic economy', yet if the next customer purchased the same item through the medium of English it would be part of the 'English' economy. The Gaelic economy cannot, therefore, be meaningfully defined in terms of the language of transaction.
The same problems emerge in any macroeconomic definition of the 'Gaelic economy' that focuses on the linguistic competence of the producers of goods and services. Examining only jobs in which Gaelic competence is required or desirable will fail to pick up some activities that are totally concerned with the production of Gaelic products or services, yet some or all employees of which may have no Gaelic. In the same way, it will include activities that could not be described as the provision of Gaelic-related goods and services, yet the employees of which may speak Gaelic and the language be useful in the conduct of business.
If the extent of the Gaelic economy is defined in terms of the provision of Gaelic goods and services then the 'economy' becomes analogous to a Gaelic 'industry' and would encompass
- the consumers of Gaelic services;
- the providers of Gaelic services. [. . .]
In general terms, the supply-side of the Gaelic economy could be defined as 'all those activities (and jobs) whose principal purpose is the provision of Gaelic-related goods and services, including the promotion of the Gaelic culture and language'. It is likely that for persons holding jobs associated with these activities, Gaelic proficiency will be either essential or desirable, although it need not be so.
(Sproull, Alan (1996). 'Regional economic development and minority language use: the case of Gaelic Scotland'. International Journal of the Sociology of Language, 121, 93-117 (td. 99)). Ma tha sinn a' coimhead air a' chùis bho shealladh poileasaidh cànain, tha an tuigse seo dìreach bun-os-cionn.
A rèir an Ollaimh Sproull, bu chòir toraidhean no seirbhisean 'Gàidhlig' a mheas mar phàirt den 'eaconomaidh Ghàidhlig' fiù 's mura h-eil na daoine a tha gan dèanamh, gan solarachadh, no gan ceannach a' cleachdadh no a' tuigsinn Gàidhlig idir; agus cha bu chòir toraidhean no seirbhisean a chur san àireimh a tha gan dèanamh, gan solarachadh, no gan ceannach le daoine a tha a' cleachdadh Gàidhlig, mura h-eil na toraidhean fhèin no na seirbhisean fhèin co-cheangailte gu dìreach ris a' Ghàidhlig.
Mar sin, ma tha companaidh stèidhichte ann am baile làn-Bheurla a' reic clàradh ciùil Ghàidhlig gu neach-turais gun Ghàidhlig, thathas a' cur ris an eaconomaidh Ghàidhlig; ach ma tha manaidsear ùr gun Ghàidhlig a' tighinn gu buth bheag ann am baile croitearachd làn-Ghàidhlig, agus Beurla ga bruidhinn ann an suidheachadh far nach robh i ga cleachdadh riamh roimhe, chan eil e gu deifir airson na h-eaconomaidh Gàidhlig.
Tha e gu math soilleir gun tug an tuigse aig an Ollamh Sproull buaidh air leth mòr air leasachadh ro-innleachdail na h-eaconamaidh Ghàidhlig. Tha ìomhaigh Ghàidhlig cudromach; chan eil cleachdadh a' chànain Ghàidhlig a' buntainn ris a' chùis.
Ma tha sinn gu bhith a' dèanamh adhartas, is e cleachdadh na Gàidhlig a bhios cudromach: gu dearbh, an aon rud a bhios cudromach. Mar sin, saoilidh mi gum feum sinn ro-innleachdan a dhealbhadh gus cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh agus a leudachadh ann an saoghal na h-obrach, agus ma tha sinn gu bhith a' rannsachadh na cùise feumaidh sinn coimhead air obraichean far a bheileas a' cleachdadh Gàidhlig mar chànan na h-obrach.
A' tionndadh a-nis gu toraidhean an rannsachaidh:
Cor na h-'eaconamaidh Gàidhlig' a mheasadh, tron a bhith a' coimhead air na sanasan-obrach ann an trì pàipearan-naidheachdan airson rè 18 mìosan:
West Highland Free Press
Stornoway Gazette
Oban Times
1/1/2000 - 30/6/01
Dè na h-obraichean a bha gan comharrachadh mar 'Gàidhlig riatanach' no 'Gàidhlig feumail'?
Cor na Gàidhlig ann an eaconamaidh ionadail nan Eilean Siar agus an Eilein Sgitheanaich a mheasadh: a bheil eaconamaidh dhà-chànanach ann?
Gàidhlig fhathast air an iomall
Cion aire do cheistean cànain ann an ro-innleachdan an luchd-fhastaidh, gu h-àraidh an luchd-fastaidh as cudromaiche anns an roinn phoballaich
Obraichean 'Gàidhlig' sgapte agus gann
An roinn phrìobaideach na sgìre Bheurla fhathast
105.4 obraichean uile gu lèir
26.6% Eileanan Siar
34.4% sgìre Comhairle na Gaidhealtachd
(11.5% Eilean Sgitheanach)
39.0% còrr de dh'Alba
(11.9% Glaschu)
4 a-mach à 105.4 nach robh an crochadh air taic-airgid phoballach
62.6% Foghlam
19% Meadhanan/Foillseachadh
9.9% Ealain/Cultar
60.5 obraichean uile gu lèir
56.2% Eileanan Siar
33.9% sgìre Comhairle na Gaidhealtachd
(23.1% Eilean Sgitheanach)
9.0% còrr de dh'Alba
9 a-mach à 60.5 nach robh an crochadh air taic-airgid phoballach
24.8% Leasachadh Coimhearsnachd/Eaconamach
14.0% Ealain/Cultar
13.2% Turasachd
9% Àrainneachd
8.3% Seirbheisean Slàinte/Sòisealta
A' Ghàidhlig agus na h-ùghdarrasan ionadail:
257.5 obraichean
2.5% 'Gàidhlig riatanach'
2.3% 'Gàidhlig feumail'
Comhairle na Gaidhealtachd
(anns an Eilean Sgitheanach)
87.5 obraichean
12.0% 'Gàidhlig riatanach'
1.1% 'Gàidhlig feumail'
49.0 obraichean anns na ES/an ES
0% 'Gàidhlig riatanach'
30.6% 'Gàidhlig feumail'
[Iomairt an Eilein Sgitheanaich agus Loch Àillse:
0% 'Gàidhlig riatanach', 0% 'Gàidhlig feumail']
Bòrd Slàinte nan Eilean Siar:
61 obair, 0% 'Gàidhlig riatanach', 1.6% 'Gàidhlig
feumail'
Highland Primary Care NHS Trust:
15 obraichean, 0% 'Gàidhlig riatanach', 0% 'Gàidhlig
feumail'
88.2 obraichean 'Gàidhlig' gan sanasachadh anns na ES/an ES uile gu lèir
An t-iomlan: c. 1800 obraichean
Dè tha a dhìth aig an ìre seo?
Delegitimation (dì-ùghdarrachadh?): cur às den tuigse sheachranach aig Sproull, buidhnean/pròiseactan 'Gàidhlig' a' cleachdadh Beurla mar chànan na h-obrach, buidhnean poballach a tha a' frithealadh choimhearsnachdan Gàidhlig tro mheadhan na Beurla a-mhàin. Seo nàdar de strì phoilitigeach, chultarach, inntleachdail.
Ro-innleachdan leasachaidh: a' Ghàidhlig a leasachadh mar chànan na h-obrach, a' lorg dhòighean pragtaigeach gus seirbhisean a thoirt seachad tro mheadhan na Gàidhlig. Tòrr, tòrr a dhìth, thairis air iomadach bliadhna: dealbhadh, planaigeadh, amasan sònraichte, targaidean sònraichte, cinn-latha shònraichte 7rl.
An dùbhlan as duilghe: tha a' Ghàidhlig lag anns a h-uile sgìre, agus chan eil sgìre làn-Ghàidhlig air fhàgail. Tha dà rud gu sònraichte a' fàs bhon t-suidheachadh seo:
Ann an sgìre dhà-chànanach, far a bheil a h-uile duine a' bruidhinn a' mhòr-chànain agus dìreach pàirt den t-sluagh a' bruidhinn a' mhion-chànain, cha bhi leasachadh 'àbhaisteach' a' leasachadh a' mhion-chànain. Chan eil e fìor gum bi leasachadh eaconamach a' toirt piseach don chànan dìreach mar ghluasad nàdarra. Tha atharrachadh-cànain a' dol air adhart anns a h-uile bad de na h-eileanan, agus mar sin tha poileasaidhean a dhìth a bhios ag atharrachadh suidheachadh sòsio-chànanach nan eilean (RLS). Feumar poileasaidh cànain a chur an gnìomh na chois: 'Francisation' ann an Québec, 'Basquisation' ann an Dùthaich nam Basgach.
Tha teans ann gum biodh muinntir nan eilean, no cuid dhiubh co-dhiù, deònach faighinn cuidhteas den Ghàidhlig ma tha sin gu bhith a' toirt piseach eaconamach do na h-eileanan (cf. cuaraidh Liongarabhaidh). Feumaidh sinn aideachadh gu bheil an taghadh sin aig muinntir nan eilean agus chan eil an urra ri acadamaigich a' bhaile mhòir a dhol nan aghaidh. Ach tha e ro shìmplidh, is tha e seachranach, a bhith a' cumail a-mach gum bi a h-uile seòrsa leasachaidh eaconamaich a' toirt leasachadh cànain na chois. Tha e comasach leasachadh cànain agus leasachadh eaconamach a chur còmhla: ach chan eil iad co-ionnan.
Ma tha poileasaidhean cànain gu bhith ann an dà-rìreabh, bidh sin a' ciallachadh gum bi barrachd obraichean a tha gan comharrachadh mar 'Gàidhlig riatanach' agus 'Gàidhlig feumail'. Bidh sin a' dùnadh a-mach daoine aig nach eil Gàidhlig. Feumar sin aideachadh. Nam measg bidh daoine a chaidh a bhreith 's a thogail anns an sgìre (cuimhnich gu bheil dìreach a' bheagchuid de dh'òigridh nan Eilean Siar a' bruidhinn Gàidhlig a-nis). Chan eil dòigh air thalamh nach bi sin connspaideach.
Tha e comasach leasachadh eaconamach agus leasachadh cànain a chur còmhla. Ach chan eil e furasta idir. Gu ruige seo tha na buidhnean leasachaidh air a bhith tuilleadh is sunndach mun chùis, is aig deireadh an latha cha d'fhuair sinn mòran adhartais a thaobh leasachadh na Gàidhlig ann am beatha eaconamach na Gaidhealtachd. Feumaidh sinn a-nis poileasaidhean cruaidh, mionaideach, geur-shùileach, agus feumaidh sinn sguir leis na breugan mealltach.
Language Policy and Planning | Celtic Section Homepage
All queries concerning Research on Language Policy and Planning in the Department of Celtic and Scottish Studies should be directed to: w.mcleod@ed.ac.uk
All other queries concerning Celtic should be directed to: Celtic.Dept@ed.ac.uk
Page last updated
by Kaye Brewster
Email: K.Brewster@ed.ac.uk