Rannsachadh air Poileasaidh Cànain

agus Dealbhadh Cànain

 

 

 

 

 

 

GÀIDHLIG ANN AN DÙN ÈIDEANN:

CLEACHDADH AGUS BEACHDAN

 

 

Aithisg Rannsachaidh

 

 

 

 

 

 

 

Wilson McLeod

 

 

 

 

 

 

 

Am Màrt 2005

 

 

 

 

 

Ceiltis agus Eòlas na h-Alba

Oilthigh Dhùn Èideann




Rannsachadh air Poileasaidh Cànain agus Dealbhadh Cànain

Research on Language Policy and Planning

 

Ceiltis agus Eòlas na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann

19-20 Ceàrnag Sheòrais, Dùn Èideann EH8 9LD

 

Celtic and Scottish Studies, University of Edinburgh

19-20 George Square, Edinburgh EH8 9LD

 

http://www.arts.ed.ac.uk/celtic/poileasaidh/

 

Tha e ceadaichte an aithisg seo a chleachdadh ann an dòigh sam bith nach eil a chum prothaid, agus tha e ceadaichte lethbhric a chur saor ’s an asgaidh gu daoine eile, cho fad agus gu bheilear a’ cur an cèill cò às a thàinig i, nach tèid atharrachadh a dhèanamh oirre, agus gum fuirich an sanas seo an ceangal rithe. Chan fhaod i a bhith air a sgaoileadh ann an riochd eadar-dhealaichte sam bith no air a cur a-steach ann an bathar no làrach-lìn sam bith a tha a chum prothaid gun chead sgrìobhte. Is e a th'anns an aithisg seo ach beachdan an ùghdair a-mhàin, agus cha bu chòir an tuigsinn mar bheachdan roinn Ceiltis agus Eòlas na h-Alba no mar bheachdan Oilthigh Dhùn Èideann.

This report may be used for any non-profit purposes, and copies may be passed free of charge to other people provided that the source is acknowledged, that the text remains unaltered, and that this notice remains attached. It may not be distributed in any amended format or included in any for-profit product or website without written permission. The views stated in this report are those of the author alone and should not be understood as the views of the department of Celtic and Scottish Studies or of the University of Edinburgh.


BUIDHEACHAS

 

Tha mi gu mòr an comain mòran dhaoine a thug cuideachadh dhomh ann an dealbhadh a’ cheisteachain a tha mar bhunait don rannsachadh seo air neo a sgaoil an ceisteachan às mo leth: Konstanze Glaser, Maighread Lobban, Alasdair MacCaluim, Iain MacCoinnich, Uilleam MacGill’Ìosa, Iain MacLeòid, Catrìona NicAoidh, Flòraidh NicArtair, Cairistìona NicIlleMhoire, agus Ann Paterson. Rinn Emma Dymock obair ionmholta an lùib coileanadh nam freagairtean. Leugh Konstanze Glaser, Alison Lang, Alasdair MacCaluim, Coinneach MacFhionghain, Uilleam MacGill’Ìosa, Dòmhnall Meek agus Joan NicDhòmhnaill dreachd den aithisg seo agus thug iad ceartachaidhean agus comhairle luachmhor dhomh. Tha mi cuideachd a’ toirt taing don a h-uile duine a lìon a-steach ceisteachan. Bha an aithisg seo fada gun nochdadh agus tha mi taingeil dhaibh uile airson am foighidinn.

 

Rinneadh an rannsachadh seo le Small Project Grant bho Mhaoin nan Ceumnaiche aig Urras Leasachaidh Oilthigh Dhùn Èideann.


CLÀR-INNSE

 

 

Geàrr-chunntas                                                                                                           iv

 

Ro-ràdh                                                                                                                          1

 

Nàdar a’ phròiseict                                                                                                     1

 

Fiosrachadh bhon chunntas-shluaigh                                                                             3

 

Toraidhean a’ cheisteachain                                                                                    4

 

   (1) An luchd-freagairt anns an fharsaingeachd                                                      4

   (2) Comasan cànanach an luchd-fhreagairt                                                            6

   (3) Cleachdadh na Gàidhlig anns an teaghlach                                                      8

   (4) Roghainn cànain agus dìlseachd cànain                                                           11

   (5) Cleachdadh na Gàidhlig ann an suidheachaidhean sòisealta is poblach     13      

   (6) Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig                                                                   19

   (7) Beachdan air a’ Ghàidhlig                                                                                   21

 

Co-dhùnadh                                                                                                                             28

 

Notaichean                                                                                                                  29

 

Iomraidhean                                                                                                                             31

 

Eàrr-ràdh                                                                                                                       32

 

 

 

 


Geàrr-chunntas

 

A chionn ’s gu bheil an cuibhreann de luchd-labhairt na Gàidhlig a tha a’ fuireach taobh a-muigh na Gàidhealtachd a’ sìor dhol an àirde, tha e a’ fàs nas cudromaiche gun tèid coimhearsnachachdan Gàidhlig ann am bailtean mòra leithid Dhùn Èideann a neartachadh. Gu ruige seo chan eil mòran fiosrachaidh againn air cor na Gàidhlig an Dùn Èideann: cò tha ga bruidhinn, cuine is ciamar. Tha cruaidh-fheum air fiosrachadh den t-seòrsa ma tha poileasaidhean èifeachdach gu bhith gan dealbhachadh agus gan cur an sàs.

 

Tha an aithisg seo stèidhte air ceisteachan a chaidh a lìonadh a-steach le 105 duine, a’ mhòr-mhòrchuid dhiubh fileanta anns a’ Ghàidhlig, a tha a’ fuireach no ag obair ann an Dùn Èideann. Bhuineadh na ceistean ri comasan cànanach an luchd-fhreagairt, cleachdadh na Gàidhlig, agus beachdan air a’ chànain. Tha lethbhreac den cheisteachan na eàrr-ràdh don aithisg seo.

 

Tha an rannsachadh seo a’ togail air an fhiosrachadh a fhuaradh bhon chunntas-shluaigh. A rèir cunntas-sluaigh 2001, tha mu 6.5% de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba a’ fuireach ann an Dùn Èideann. Tha sgilean ann an Gàidhlig aig 6,031 duine ann an Dùn Èideann (1.35% de shluagh na cathair-bhaile), agus tha comas-bruidhne aig 3.085 dhiubh seo. Tha luchd na Gàidhlig sgapte air feadh na cathair-bhaile seach dlùth ri chèile ann an ceàrnaidh(ean) Gàidhlig. ’ ann idir. Tha clann le Gàidhlig car tearc agus tha ‘bogha’ anns a’ mheadhan a thaobh aois; is dòcha gur e an uiread de dhaoine le Gàidhlig a thig don chathair-bhaile airson cùrsaichean foghlaim no obraichean as coireach ris a’ phàtran seo.

 

Bha 63% den luchd-fhreagairt fileanta sa Ghàidhlig agus 26% a bharrachd meadhanach fileanta. Am measg nam fileantach, bha mu 73% nan luchd-labhairt ‘dùthchasach’ (native speakers) agus bha mu 27% nan luchd-ionnsachaidh. Bha an ìre litearrachd sa Ghàidhlig air leth àrd. Thog 82% de na ‘dùthchasaich’ an cuid Gàidhlig fhad ’s a bha iad ag èirigh suas air a’ Ghàidhealtachd, ach cha d’fhuair ach 22% den luchd-ionnsachaidh an cuid Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd. Cha do thog ach 11% de na fileantaich dhùthchasach agus 39% den luchd-ionnsachaidh fhileanta a’ Ghàidhlig ann an Dùn Èideann. Gu ìre mhòir, ma-thà, faodar a ràdh gur e in-imrich a tha ann an luchd Gàidhlig Dhùn Èideann.

 

Am measg nan toraidhean as cudromaiche a thàinig às an rannsachadh seo is e am fiosrachadh mu chleachdadh na Gàidhlig ann an dachaighean agus ann an teaghlaichean. Gu mì-fhortanach, chan e dealbh dòchasach a fhuaradh: tha ìre an tar-chuir bho ghinealach gu ginealach gu math ìosal, chan eil mòran a’ cleachdadh na Gàidhlig mar phrìomh-chànan na dachaigh, agus is gann gu bheil teaghlach sam bith ann far am bi a h-uile duine a’ cleachdadh na Gàidhlig gu cunbhalach.

 

Tha 38% den luchd-fhreagairt a’ fuireach ann an dachaighean anns a bheil Gàidhlig aig a h-uile duine, ach dhiubh seo tha mu thrì anns gach còig a’ fuireach nan aonar. Am measg nam fileantach aig a bheil cèile, tha mu 84% de na cèilean gun Ghàidhlig, agus fiù ’s nuair a tha Gàidhlig fhileanta aig an dithis, thuirt 43% dhiubh gum bi iad a’ bruidhinn barrachd Beurla na Gàidhlig ri chèile. Chuir còrr is 40% de na fileantaich an cèill nach eil Gàidhlig aig an cuid cloinne. Bidh an luchd-fhreagairt a’ cleachdadh fada bharrachd Beurla na Gàidhlig leis an cuid cloinne, agus tha a’ chlann a tha fileanta anns a’ Ghàidhlig buailteach a bhith a’ cleachdadh Beurla eatarra fhèin.

 

Chan eil roghainn stèidhte aig 63% de na fileantaich a thaobh cleachdadh na Gàidhlig agus na Beurla; dhaibhsan tha an taghadh cànain an crochadh air an t-suidheachadh.

 

Is e glè bheag de dhaoine ann an Dùn Èideann a bhios a’ cleachdadh na Gàidhlig mar phrìomh chànan am beatha làitheil. Thuirt 37% de na fileantaich gum bi iad a’ bruidhinn Gàidhlig a h-uile latha, ach dìreach 3% gum bi iad a’ bruidhinn barrachd Gàidhlig na Beurla a h-uile latha. i.e. gur e Gàidhlig am prìomh-chànan aca. Air an làimh eile, thuirt 17% de na fileantaich gum bi iad a’ bruidhinn Gàidhlig dìreach aon latha san t-seachdain, no fiù nas ainneimhe na sin. Chuir 76% den luchd-fhreagairt an cèill gu bheil iad eòlach air co-dhiù deichnear ann an Dùn Èideann aig a bheil Gàidhlig, ach cha do chuir ach 27% de na fileantaich an cèill gum bi iad a’ bruidhinn ri barrachd air deichnear anns a’ Ghàidhlig ann an seachdain àbhaisteach. Cha d’thuirt ach 7% den luchd-fhreagairt gun cluinn iad strèinnsearan a’ bruidhinn Gàidhlig ri chèile co-dhiù aon turas sa mhìos, an coimeas ri 86% a thuirt nach tachair sin ach corra-uair ann am bliadhna, no fiù nas ainneimhe na sin.

 

Tha fada bharrachd Gàidhlig ga cleachdadh ann an cuid de shuidheachaidhean seach suidheachaidhean eile. Thuirt 53% den luchd-fhreagairt fhileantach gum bi iad ag èisteachd ris a’ radio sa Ghàidhlig nas trice na sa Bheurla, 24% gum bi iad a’ cleachdadh barrachd Gàidhlig na Beurla anns an àite-obrach aca, 21% nuair a bhios iad a’ bruidhinn air a’ fòn agus 17% nuair a bhios iad ann an dachaighean charaidean no chàirdean. Air an làimh eile, cha d’thuirt ach 2% gum bi iad a’ cleachdadh barrachd Gàidhlig na Beurla nuair a bhios iad a’ leughadh leabhraichean, irisean no phàipearan-naidheachd, agus cha bhi duine sam bith a’ cleachdadh barrachd Gàidhlig na Beurla ann am bùthan.

 

Tha 59% den luchd-fhreagairt nam buill de bhuidheann/bhuidhnean Gàidhlig. Tha an ìre ballrachd as àirde am measg an luchd-ionnsachaidh fhileanta agus tha an ìre ballrachd as ìsle am measg nam fileantach dùthchasach. Thuirt a’ mhòrchuid den luchd-fhreagairt gum bi iad a’ frithealadh thachartasan Gàidhlig ann an Dùn Èideann, ach mar as trice chan eil seo na chleachdadh làitheil, seachdaineil, no fiù mìosail. Mar eisimpleir. thuirt 73% den luchd-fhreagairt gum bi iad a’ frithealadh chèilidhean tradiseanta sa bhaile, ach thuirt mu dà thrian dhiubh sin nach tachair seo ach 1-2 thuras ann am bliadhna.

 

A thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTMG), chan eil Gàidhlig fhileanta aig 78% de na pàrantan a thagh FTMG airson an cuid cloinne, ach thuirt 86% de na fileantaich dhùthchasach’ aig a bheil clann de dh’aois sgoile nach eil an cuid cloinne an sàs ann am FTMG. Seo dùbhlan dha-rìribh a thaobh glèidheadh agus leasachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann.

 

Chaidh grunn cheistean a chur mu bheachdan dhaoine air àite na Gàidhlig ann an Dùn Èideann, ìomhaigh na Gàidhlig, agus poileasaidhean poblach a thaobh a’ chànain. Bha cothrom aig an luchd-fhreagairt am beachdan air na cuspairean seo a mhìneachadh agus a leudachadh.

 

Bha an luchd-freagairt fada den bheachd gum bu chòir a’ Ghàidhlig adhartachadh ann an Dùn Èideann: thuirt 72% gu bheil seo ‘cudromach’ no ‘air leth cudromach’, agus dìreach 5% nach eil e ‘glè chudromach’ no nach eil e ‘cudromach idir’. Ach air an làimh eile, a rèir an luchd-fhreagairt chan eil muinntir Dhùn Èideann anns an fharsaingeachd taiceil don Ghàidhlig anns a’ chathair-bhaile. Bha iad cuideachd den bheachd nach eil Riaghaltas na h-Alba agus gu h-àraidh Comhairle Dhùn Èideann taiceil do chùis na Gàidhlig.

 

Bha an luchd-freagairt fhèin air leth taiceil don Ghàidhlig agus bha iad fada den bheachd gum bu chòir inbhe nàiseanta a bhith aice. Bha measgachadh de bharailean aca air ìomhaigh a’ chànain — a bheileas ga mheas seann-fhàsanta, mar eisimpleir. 

 

Tha toraidhean an rannsachaidh seo a’ nochdadh meud nan dùbhlan a dh’èireas an lùib iomairtean a chum leasachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Tha e gu math follaiseach nach eil mòran dhaoine beò tro mheadhan na Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Ged nach eil e reusanta a bhith a’ sùileachadh gum fàs Dùn Èideann gu bhith na chathair-bhaile Ghàidhlig, no fiù dà-chànanach ann an seagh ciallach, feumar dòighean a lorg airson dèanamh cinnteach gum bi e comasach do dhaoine ‘beatha Ghàidhlig’ a thaghadh ma thogras iad. Tha Comhairle Dhùn Èideann air gealltainn gum bi i a’ cur Plana Gàidhlig air dòigh an dèidh achdachadh Bhile na Gàidhlig; is cinnteach gum bi am Plana seo air leth cudromach airson adhartachadh a’ chànain anns a’ chathair-bhaile agus cruthachadh structaran is chothroman den t-seòrsa.



Ro-ràdh

 

Tha coimhearsnachd na Gàidhlig a’ sìor atharrachadh. Am measg nan atharrachaidhean as cudromaiche is e sgapadh na coimhearsnachd: ann an 1881, bha 88% de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd agus dìreach 12% a’ fuireach air a’ Ghalldachd, ach an-diugh, a rèir Cunntas-sluaigh 2001, tha faisg air an dàrna cuid (44.5%) den luchd-labhairt a’ fuireach air a’ Ghalldachd (MacKinnon 2004). Tha barrachd dhaoine le Gàidhlig ann an Dùn Èideann a-nis na tha anns an Eilean Sgitheanach, mar eisimpleir, no ann an Uibhist is Barraigh còmhla.

 

Air sgàth a’ ghluasaid seo tha na coimhearsnachdan bailteil Gàidhlig — a tha air a bhith ann gu cunbhalach bhon 18mh linn air adhart — nas cudromaiche na bha iad riamh. Ma tha a’ Ghàidhlig gu bhith beò anns an àm ri teachd, feumar a leasachadh agus a neartachadh air a’ Ghalldachd, agus gu sònraichte ann am bailtean mòra leithid Dhùn Èideann agus Ghlaschu, agus chan ann a-mhàin anns na sgìrean eileanach far a bheil i fhathast na cànan coimhearsnachd. Gu dearbh, feumar Gàidhealtachdan ùra a thogail.

 

Seo dùbhlan dha-rìribh, oir gu ruige seo cha robh na coimhearsnachdan bailteil Gàidhlig seasmhach idir, ged a bha iad, gun teagamh, làn beathalachd agus spionnaidh chultaraich. Tro ghluasad-cànain (language shift), chailleadh a’ Ghàidhlig an dèidh ginealaich no dhà; bha oghaichean nan Gàidheal a thàinig gu Dùn Èideann agus Glaschu ‘mar Ghoill gun Ghàidhlig aca, air sràidibh bhailtean mòra’, mar a thuirt am bàrd. Anns an latha an-diugh, tha an suidheachadh air fàs nas duilghe buileach oir tha luchd Gàidhlig nam bailtean mòra nas sgapte na bha iad roimhe; tha latha nan coimhearsnachdan dlùtha leithid Phartaig ann an Glaschu seachad, a rèir coltais. Ach tha buannachdan aig na bailtean mòra fhathast, oir ann an iomadach dòigh tha e nas fhasa buidhnean, tachartasan, agus ionadan Gàidhlig a chur air dòigh gu soirbheachail ann am baile mòr na ann an sgìre dhùthchail far a bheil na daoine fada nas sgaoilte, fad air falbh bho chèile (cf MacCaluim, ri fhoillseachadh).

 

Gu ruige seo, chan eil an t-uabhas fiosrachaidh againn air cor a’ chànain anns na bailtean mòra anns an fharsaingeachd agus ann an Dùn Èideann gu sònraichte. Tha àireamhan a’ chunntas-shluaigh a’ toirt bun-stèidh de bhun-fhiosrachadh dhuinn, mar a mhìnichear gu h-ìosal, ach chan eil mion-fhiosrachadh againn air cleachdadh a’ chànain: cò tha a’ bruidhinn Gàidhlig, càite, dè cho tric agus mar sin air adhart. Tha cruaidh-fheum air fiosrachadh den t-seòrsa ma tha poileasaidhean ciallach, èifeachdach gu bhith gan dealbhachadh agus gan cur an sàs.

 

Gu dearbh, tha easbhaidh fiosrachaidh air cleachdadh na Gàidhlig anns an fharsaingeachd, ged a chaidh rannsachadh luachmhor a dhèanamh an lùib a’ phròiseict Euromosaic grunn bhliadhnaichean air ais (MacKinnon 1994; Euromosaic 1995).[1] Thathar an dòchas gum bi an aithisg seo ‘a’ cur clach air a’ chàrn’ agus a’ brosnachadh barrachd obrach den t-seòrsa.

 

Nàdar a’ phròiseict

 

Tha an aithisg seo stèidhte air toraidhean ceisteachain a chaidh a sgaoileadh eadar am Màrt agus an t-Ògmhios 2003. Chaidh fiosrachadh a shireadh bho dhaoine a bha a’ fuireach no ag obair ann an cathair-bhaile Dhùn Èideann. Chaidh 220 ceisteachan a sgaoileadh agus 105 dhiubh a thilleadh (ìre freagairt de 45%). Bha an ceisteachan caran fada agus gu math mionaideach: aon 43 ceistean (agus grunn fho-cheistean an cois cuid aca). Chaidh mion-fhiosrachadh a shireadh mu na comasan cànanach a tha aig daoine, na cleachdaidhean aca a thaobh na Gàidhlig, agus na beachdan aca mu luach agus cudromachd a’ chànain. Fhuair a h-uile duine lethbhreac Gàidhlig agus lethbhreac Beurla den cheisteachan gus am biodh roghainn cànain aca (ged nach robh comas-leughaidh/sgrìobhaidh ann an Gàidhlig aig a h-uile duine a fhuair e). Tha lethbhreac den cheisteachan na eàrr-ràdh don aithisg seo.

 

An toiseach bhathar am beachd cur ris an fhiosrachadh a fhuaradh tron cheisteachan le bhith a’ dèanamh grunn agallamhan cuideachd, ach cho-dhùnadh gun d’fhuaradh fiosrachadh gu leòr bhon cheisteachan fhèin, oir bha cothrom aig an luchd-fhreagairt beachdan is barailean a thoirt seachad an lùib an fhoirm, agus ghabh gu leòr dhaoine an cothrom seo. Mar sin tha an aithisg seo a’ gabhail a-steach an dà chuid fiosrachadh uimhireil agus fiosrachadh càileachdail, gu h-àraidh ann an earrann 7 (‘Beachdan air a’ Ghàidhlig’).

 

A chionn ’s gu robh an rannsachadh a’ cur a’ phrìomh-chudruim air cleachdadh na Gàidhlig, seach air beachdan oirre, is ann air freagairtean bho dhaoine a bha co-dhiù meadhanach fileanta anns a’ chànan a bhathas ag amas. Cha robh e furasta an t-amas seo a choileanadh, ged-tà, oir chan eil e furasta luchd-labhairt fileanta a shònrachadh agus a lorg (an coimeas ri, can, luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, no daoine a tha an sàs anns na h-ealain Ghàidhlig). Aig an aon àm, cha robh e pragtaigeach rannsachadh a dhèanamh am measg mòr-shluagh Dhùn Èideann, leis mar a tha còrr is 98% de mhuinntir na cathair-bhaile gun Ghàidhlig idir.

 

Mar sin shir an neach-rannsachaidh cuideachadh bho bhuidhnean Gàidhlig aig a bheil buill anns a’ bhaile, leithid Clì Gàidhlig, Cluicheadairean Gàidhlig Dhùn Èideann, Còisir Ghàidhlig Lodainn, Comann nam Pàrant (Dùn Èideann agus Lodainn), agus FÀS (Dhùn Èideann), agus bho ionadan foghlaim leithid Àrd-sgoil Sheumais Ghill’Easbaig, Roinn Ceiltis agus Eòlas na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann, agus Taigh na Gàidhlig. Bha ‘beul-aithris’ cudromach cuideachd ann an sgaoileadh nan ceisteachan; fhuaradh grunn ainmean is sheòlaidhean gu neo-fhoirmeil, mar thoradh air molaidhean bho dhaoine eile.

 

Aig an aon àm, bha cunnart ann gum biodh an rannsachadh a’ ruigsinn nam ‘fìoreun’ a-mhàin agus a’ dèanamh dearmad air daoine eile aig nach eil ceangal sam bith ri buidhnean no tachartasan Gàidhlig agus nach eil an sàs ann am ‘beatha Ghàidhlig’ na cathair-bhaile. Ma thathar ag iarraidh tuigse iomlan agus cheart a thogail air suidheachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann, bu chòir fiosrachadh fhaighinn bho dhaoine nach eil a’ cleachdadh an cuid Gàidhlig gu tric no, is dòcha, a’ faicinn mòran luach innte anns a’ bhaile mhòr — daoine, can, a dh’fhàg na h-Eileanan Siar bho chionn fichead no dà fhichead bliadhna agus aig a bheil cèile, clann agus caraidean gun Ghàidhlig.

 

Mar sin, chaidh litrichean fhoillseachadh ann an Gasaet Steòrnabhaigh agus ann an Tìm an Òbain, a’ mìneachadh nàdar an rannsachaidh seo agus a’ toirt cuireadh don luchd-leughaidh aca ann an Dùn Èideann an ceisteachan a lìonadh a-steach. Ged a nochd dòrlach dhaoine ùidh anns a’ phròiseact air sgàth nan litrichean seo, tha cunnart ann fhathast nach eil toraidhean an rannsachaidh seo a’ nochdadh iomadachd agus caochlaideachd nan cleachdaidhean agus nam beachdan a tha aig luchd na Gàidhlig anns a’ phrìomh-bhaile.

 

Fiosrachadh bhon chunntas-shluaigh

 

A rèir Cunntas-sluaigh 2001, bha 6,031 daoine ann an Dùn Èideann aig an robh sgilean anns a’ Ghàidhlig, aon 1.35% de shluagh a’ chathair-bhaile. Den fheadhainn seo bha comas-bruidhne aig 3,085, aon 0.69% den t-sluagh iomlan. Ann an Alba air fad, bha aon 93,282 daoine le sgilean anns a’ chànan (agus 58,750 aig an robh comas-bruidhne); mar sin tha 6.5% de luchd na Gàidhlig a’ fuireach ann an Dùn Èideann.

 

 

  Clàr 1

Text Box: A’ Ghàidhlig ann an Dùn Èideann, 2001:

bruidhinn/leughadh/sgrìobhadh Gàidhlig 				1,756
bruidhinn/leughadh Gàidhlig (gun a sgrìobhadh)	   	  	   360
bruidhinn Gàidhlig (gun a leughadh/sgrìobhadh) 	   	               969
a’ tuigsinn Gàidhlig (gun a bruidhinn/leughadh/sgrìobhadh)		2,058
measgachadh eile de sgilean anns a’ Ghàidhlig		               888

An t-iomlan							          6,031 (1.35%)

 

 

Bha luchd-labhairt na Gàidhlig sgapte air feadh na cathair-bhaile seach dlùth ri chèile ann an sgìre no sgìrean sònraichte. Am measg nan ‘Census Area Statistic Sectors’ ann an Dùn Èideann, is ann ann an roinn EH3 9 (Tollcross) a bha an ìre as àirde, ach fiù an seo bha comas-bruidhne anns a’ Ghàidhlig aig dìreach 1.56%.

 

Rud inntinneach eile is e gu robh an cuibhreann de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Dùn Èideann a rugadh taobh a-muigh na h-Alba air leth àrd: 21.5%. Is e 8.27% am figear nàiseanta. Gu dearbh, am measg sgìrean ùghdarrais ionadail na h-Alba is ann an Dùn Èideann a fhuaradh an àireamh a b’ àirde agus is ann anns na h-Eileanan Siar a fhuaradh an àireamh a bu lugha — dìreach 2.78%. Cha deach an dearbh cheist seo a chur anns an rannsachadh seo, ach fhuaradh a-mach càite an robh an luchd-fhreagairt a’ fuireach nuair a thog iad a’ Ghàidhlig (feuch Clàr 8 gu h-ìosal). Mar sin, ma thòisich duine a rugadh ann an Canada ri Gàidhlig ionnsachadh anns na h-Eileanan Siar, is e na h-Eileanan Siar an fhreagairt a bheireadh e don cheist seo; faodar a bhith gu math cinnteach, ged-tà, gur ann an Alba fhèin a rugadh a’ mhòr-mhòrchuid den fheadhainn a thog Gàidhlig anns na h-Eileanan Siar.

 

A thaobh aois, bha clann le Gàidhlig car tearc agus bha ‘bogha’ anns a’ mheadhan: bha dìreach 11.2% de luchd-labhairt na Gàidhlig na b’ òige na 20 bhliadhna a dh’aois agus aon 48% eadar 20 agus 44, an coimeas ri 21.6% agus 41% de mhuinntir Dhùn Èideann anns an fharsaingeachd. Is dòcha gur e an uiread de dhaoine le Gàidhlig a thig don chathair-bhaile airson cùrsaichean foghlaim no obraichean as coireach ris a’ phàtran seo.

 

Bha ìre foghlaim gu math àrd aig luchd-labhairt na Gàidhlig: bha ceumannan no barantasan proifeasanta aig 46% dhiubh, an coimeas ri 33% de mhuinntir na cathair-bhaile anns an fharsaingeachd. Bha 56% de luchd-labhairt na Gàidhlig ag obair ann an dreuchdan aig na trì ìrean sòisealta as àirde agus 18% ann an dreuchdan aig na trì ìrean as ìsle, an coimeas ri 49% agus 24% den t-sluagh iomlan.[2] Bha 14.3% dhiubh nan oileanaich, an coimeas ri 11% den t-sluagh iomlan.

 

 

Toraidhean a’ cheisteachain

 

(1) An luchd-freagairt anns an fharsaingeachd

 

Mar a chaidh a mhìneachadh gu h-àrd, chaidh fiosrachadh a shireadh gu sònraichte bho dhaoine a tha co-dhiù meadhanach fileanta anns a’ chànan, oir is e cleachdadh a’ chànain prìomh-chuspair an rannsachaidh seo. Aig an aon àm, fhuaradh grunn cheisteachan ullamh bho dhaoine nach eil comasach anns a’ Ghàidhlig — pàrantan de chloinn a tha an sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, mar as trice — agus bha na freagairtean aca feumail cuideachd. Uime sin, tha a’ mhòrchuid den fhiosrachadh anns an aithisg seo a’ nochdadh nan toraidhean a fhuaradh bhon fheadhainn a chuir an cèill gu robh iad fileanta no co-dhiù meadhanach fileanta anns a’ Ghàidhlig.[3] Tha toraidhean a’ cheisteachain a thaobh chomasan cànanach an luchd-fhreagairt gam mìneachadh anns an ath roinn den aithisg seo.

 

Mar as trice tha na figearan a tha gan toirt seachad anns an aithisg seo air an dlùthachadh (rounded) ris an àireamh iomlan as fhaisge, rud a tha a’ ciallachadh gu bheil suim nan àireamhan nas àirde na 100% ann an cuid de shuidheachaidhean.

 

Uile gu lèir, fhuaradh 53 freagairtean bho bhoireannaich agus 52 bho fhireannaich; am measg an luchd-fhreagairt a tha fileanta anns a’ chànan b’iad 33 agus 33 na h-àireamhan. A thaobh aois, ged-tà, cha robh an aon seòrsa cothromachd ri faicinn, oir cha d’fhuaradh mòran fhreagairtean bhon òigridh: bha dìreach 17.5% de na freagairtean bhon bhuidhinn-aois 16-34, ged a tha còrr is trian de shluagh na cathair-bhaile a tha nas sine na 16 anns a’ bhuidhinn-aoise seo.[4] Air an làimh eile, bha an ìre de luchd-freagairt a tha nas sine na 65 faisg air àbhaist a’ bhaile (i.e. 17.8%); bha 62% den luchd-fhreagairt eadar 35 agus 64.

 

 

                                         Clàr 2

 

 

Aois an luchd-fhreagairt

 

 

%

16-18

  4

18-24

  2

25-34

12

35-44

27

45-54

18

55-64

17

65+

19

 

 

Anns a’ chumantas, ràinig an luchd-freagairt àrd ìre foghlaim: fhuair aon 92% ceum(annan) no barantas bho oilthigh no bho cholaiste. Ged a tha na h-àireamhan seo àrd gun teagamh, is e nàdar na cùise gun deach mòran Ghàidheal a thàladh chun a’ bhaile mhòir air sgàth chursaichean oilthigh no obrach phroifeasanta, agus gur e daoine foghlaimte a tha anns a’ mhòrchuid den fheadhainn a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig gu fileantachd.

 

 

                        Clàr 3

 

 

Dè an ìre foghlaim as àirde a ràinig sibh?

 

 

%

ceum oilthigh nas àirde

24

ceum oilthigh

36

teisteanas neach-teagaisg

  8

barantas/teisteanas colaiste

11

Àrd-Ìre/A Level

13

Ìre Choitcheann/O Level

  5

eile

  4

 

 

Anns a’ chumantas, tha an luchd-freagairt air a bhith a’ fuireach ann an Dùn Èideann fad grunn bhliadhnaichean: chuir 66% an cèill gu bheil iad ann an Dùn Èideann ‘fad am beatha’ no ‘còrr is 20 bliadhna’, agus dìreach 11% gu bheil iad nas lugha na còig bliadhnaichean anns a’ bhaile. Toradh inntinneach is e gu bheil an aon chuibhreann, 66%, de na fileantaich ‘dhùthchasach’ (native speakers) air a bhith anns a’ bhaile ‘fad am beatha’ (11%) no ‘còrr is 20 bliadhna’ (55%), ged a thàinig a’ mhòr-mhòrchuid den dàrna bhuidhinn às a’ Ghàidhealtachd anns a’ chiad dol-a-mach (feuch Clàr 8 gu h-ìosal).

 

Bha an luchd-freagairt sgapte air feadh na cathair-bhaile: is e fìrinn na cùise nach eil ‘ceàrnaidh Ghàidhlig’ ann idir, nach eil ‘critical mass’ ri fhaighinn ann an sgìre sam bith. Is cinnteach gu bheil seo na bhacadh do leasachadh a’ chànain.

 

Bha a’ mhòrchuid den luchd-fhreagairt an sàs ann an obair airson tuarastail (58%), ach bha cuibhreann meadhanach àrd aca (21%) air an dreuchd a leigeil dhiubh. Ach leis mar a thuirt 19% den luchd-fhreagairt gu bheil iad còrr is 65 bliadhna a dh’aois, chan eil an toradh seo na annas. Is e obraichean proifeasanta no clèireach a bha aig a’ mhòrchuid den luchd-fhreagairt.

 

 

                        Clàr 4

 

 

A bheil sibh ag obair (airson tuarastail) an dràsta?

 

 

%

tha, làn-ùine

42

tha, pàirt-ùine

16

chan eil, ach tha mi a’ sireadh obair

  4

chan eil

  9

tha mi air mo dhreuchd a leigeil dhìom

21

tha mi an sàs ann am foghlam an dràsta

  8

 

 

 

 

(2) Comasan cànanach an luchd-fhreagairt

 

Chuir 63% den luchd-fhreagairt an cèill gu bheil iad fileanta anns a’ Ghàidhlig agus aon 26% eile gu bheil iad meadhanach fileanta. Cha tuirt ach 4% gu bheil iad a’ tuigsinn na Gàidhlig gun a bhith ga bruidhinn, ged a bha 34% de luchd na Gàidhlig ann an Dùn Èideann anns a’ bhuidhinn seo a rèir Cunntas-sluaigh 2001. Thuirt 3% den luchd-fhreagairt gu bheil iad nas fileanta anns a’ Ghàidhlig na anns a’ Bheurla.

 

Mar a bhiodh dùil, tha an fheadhainn aig a bheil Gàidhlig bho dhùthchas nas fileanta na an luchd-ionnsachaidh a chuir an cèill gu bheil iad fileanta: thuirt 65% de na fileantaich ‘dhùthchasach’ gu bheil iad a cheart cho fileanta anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla, air neo nas fileanta anns a’ Ghàidhlig na anns a’ Bheurla, ach thuirt 83% de na fileantaich a dh’ionnsaich an cànan gu bheil an cuid Beurla nas fheàrr.[5]

 

 

  Clàr 5

 

 

Dè cho fileanta ’s a tha sibh anns

a’ Ghàidhlig?

 

 

Luchd-freagairt uile

 

Fileantaich

(‘dùthchasaich’)

 

Fileantaich

(luchd-ionnsachaidh)

nas fileanta anns a’ Ghàidhlig na anns

a’ Bheurla

 

  3

  6

  0

a cheart cho fileanta anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla

 

30

58

17

fileanta, ach tha mo chuid Beurla nas fheàrr

 

30

35

83

dìreach meadhanach fileanta

 

26

-

-

tha mi a’ tuigsinn na Gàidhlig

ach cha bhruidhinn mi i

 

  4

             -

          -

dìreach beagan fhaclan

 

  8

             -

          -

 

 

Tha comasan gu math àrd aig an luchd-fhreagairt ann an leughadh agus ann an sgrìobhadh na Gàidhlig. Tha na h-ìrean air leth àrd am measg na feadhna a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig gu fileantachd, ach tha na h-ìrean am measg nam fileantach ‘dùthchasach’ gu math nas àirde na an àbhaist nàiseanta (53%) cuideachd. Ach tha e coltach gu bheil eadar-dhealachadh mòr eadar luchd-freagairt a’ cheisteachain agus luchd Gàidhlig Dhùn Èideann anns an fharsaingeachd: a rèir cunntas-sluaigh 2001, bha dìreach 57% de luchd-labhairt a’ chànain anns a’ chathair-bhaile comasach air a leughadh agus a sgrìobhadh.

 


  Clàr 6

 

 

An urrainn dhuibh Gàidhlig a leughadh / sgrìobhadh?    (%)

 

 

Luchd-freagairt uile

 

Fileantaich

 

 

Fileantaich

(luchd-ionnsachaidh)

 

Is urrainn

74 / 63

94 / 85

100 / 100

Gu ìre

20 / 26

  6 / 14

    0 / 0

Chan urrainn

  6 / 11

  0 /   2

    0 / 0

 

 

Chleachd a’ mhòr-mhòrchuid den luchd-fhreagairt na sgilean litearrachd aca ann an lìonadh a’ cheisteachain: am measg an luchd-fhreagairt a chuir an cèill gun urrainn dhaibh Gàidhlig a sgrìobhadh, lìon 96% dhiubh an tionndadh Gàidhlig den cheisteachan seach an tionndadh Beurla.[6]

 

Mar a mìneachar ann an Clàr 7, thog an luchd-freagairt an cuid Gàidhlig ann an grunn dòighean:[7] cuid dhiubh anns an dachaigh nuair a bha iad òg, cuid dhiubh aig an sgoil no aig an oilthigh, cuid dhiubh tro bhith a’ fuireach ann an sgìre(an) far a bheil an cànan ga bhruidhinn. Anns an aithisg seo, tha neach-labhairt ‘dùthchasach’ (native speaker) a’ ciallachadh cuideigin a chuir an cèill gun do thog e/i Gàidhlig anns an dachaigh nuair a bha e/i a’ fàs suas, ach tha seo a’ gabhail a-steach grunn daoine a tha den bheachd nach eil iad buileach fileanta a-nis. Uile gu lèir, chomharraich 60 neach-freagairt (57% den bhuidhinn iomlan) ‘aig an taigh nuair a bha mi a’ fàs suas’ mar an àite, no aon de h-àiteachan, far an do dh’ionnsaich iad a’ Ghàidhlig; chuir a’ mhòr-mhòrchuid dhiubh seo (48 duine) an cèill gu bheil iad fileanta anns a’ chànan, ach thuirt ochdnar nach eil iad ach meadhanach fileanta, thuirt dithis gun tuig iad a’ Ghàidhlig ach nach bruidhinn iad i, agus dithis eile nach eil aca ach beagan fhaclan. Thuirt 18 duine nach d’fhuair iad Gàidhlig anns an dachaigh nuair a bha iad a’ fàs suas, ach gu bheil iad a-nis fileanta sa chànan. Uime sin, am measg nam fileantach tha mu 73% nan ‘dùthchasaich’ agus mu 27% nan luchd-ionnsachaidh.

 

 

         Clàr 7

 

 

Ciamar a thog sibh a’ Ghàidhlig?   

(fileantaich a-mhàin)

 

 

  %

anns an dachaigh nuair a bha mi a’ fàs suas

 45

aig an sgoil

 14

tro chursa(ichean) ann an colaiste, oilthigh no ionad foghlaim eile

 20

tro bhith a’ fuireach ann an sgìre far a bheil a’ Ghàidhlig ga bruidhinn

 17

eile

   5

 

 

Thogadh a’ mhor-mhòrchuid (82%) den luchd-fhreagairt fhileanta aig a bheil Gàidhlig bho dhùthchas air a’ Ghàidhealtachd, ach dìreach 22% den luchd-ionnsachaidh fhileanta. Fhuair dìreach 11% de na ‘dùthchasaich’, agus dìreach 39% den luchd-ionnsachaidh, an cuid Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Gu ìre mhòir, ma-thà, faodar a ràdh gur e in-imrich a tha ann an luchd Gàidhlig Dhùn Èideann.

 

 


 Clàr 8

 

 

Càite an robh sibh a’ fuireach nuair a thog sibh a’ Ghàidhlig?[8]     (%)

 

 

fileantaich

 

fileantaich

(‘dhùthchasach’)

 

fileantaich

(luchd-ionnsachaidh)

 

Dùn Èideann

 

18

11

39

Innse Gall

 

     Leòdhas

     An t-Eilean Sgitheanach

     Na Hearadh

     Beinn na Faoghla

     Sgalpaigh

     Eirisgeigh

     Lios Mòr

     Beàrnaraigh (Hearadh)

     Colbhasa

     Barraigh

     Ratharsair

     Uibhist a Deas

 

 59

 

     28

     10

       8

       5

       2

       2

       2

       0.8

       0.8

       0.3

       0.3

       0.3

76

 

     38

     10

     11

       6

       3

       2

       2

       1

 

      

       0.3

       0.3

 

14

 

    1

    9

 

 

 

 

 

   

    3

    1

 

tìr-mòr na Gàidhealtachd

 

  6

 6

  8

àite eile ann an Alba

 

14

 8

31

eile

 

     Sasainn

     Canada

 

  4

 

      2

      2

 

 2

 

     2

  8

 

    3

    6

 

 

(3) Cleachdadh na Gàidhlig anns an teaghlach

 

Am measg nan toraidhean as cudromaiche a thàinig às an rannsachadh seo is e am fiosrachadh mu chleachdadh na Gàidhlig ann an dachaighean agus ann an teaghlaichean. Seo cridhe a’ phròiseis ‘tar-chuir bho ghinealach gu ginealach’ (intergenerational transmission); mar a tha an sàr-eòlaiche Joshua Fishman a’ mìneachadh, cha ghabh mion-chànan a neartachadh, agus cha ghabh ath-thilleadh gluasad-cànain (reversing language shift) a chur an sàs, mura faighear adhartas anns an raon seo (Fishman 1991).

 

Gu mì-fhortanach, chan e dealbh dòchasach a fhuaradh a thaobh coimhearsnachd Ghàidhlig Dhùn Èideann: tha ìre an tar-chuir bho ghinealach gu ginealach gu math ìosal, chan eil mòran a’ cleachdadh na Gàidhlig mar phrìomh-chànan na dachaigh, agus is gann gu bheil teaghlach sam bith ann far am bi a h-uile duine a’ cleachdadh na Gàidhlig gu cunbhalach: nuair a bhios an dithis phàrantan a’ bruidhinn ri chèile, na pàrantan a’ bruidhinn ris a’ chloinn, agus a’ chlann a’ bruidhinn ri chèile.

 

Tha 38% den luchd-fhreagairt agus 41% de na fileantaich a’ fuireach ann an dachaigh far a bheil Gàidhlig aig a h-uile duine, ach tha a’ mhòrchuid dhiubh seo (22% / 23%) a’ fuireach nan aonar.

       Clàr 9

 

 

An urrainn do gach duine nur dachaigh Gàidhlig a bhruidhinn?          (%)

 

 

Luchd-freagairt uile

 

Fileantaich

is urrainn

16

18

is urrainn (ach tha mi a’ fuireach nam aonar)

22

23

chan urrainn

62

59

 

 

Am measg an luchd-fhreagairt, tha glè bheag de chàraidean anns a bheil Gàidhlig fhileanta aig an dithis: am measg nam fileantach, bha dìreach 7 càraidean den t-seòrsa seo, 16% den bhuidhinn iomlain. Tha e follaiseach nach robh cànan na fhactar ro-chudromach ann an taghadh chèilean; rud nach eil, is dòcha, na iongnadh, ach a tha toirt buaidh nach beag air seasmhachd na Gàidhlig anns a’ bhaile mhòr.

 

 

  Clàr 10

 

 

Ma tha cèile agaibh

(-p(h)òsta no eile), a bheil Gàidhlig aige/aice?

 

 

Luchd-freagairt uile

 

  Fileantaich

  (‘dhùthchasach’)

 

Fileantaich

(luchd-ionnsachaidh)

tha

12 (17%)

  5 (14%)

2 (20%)

tha beagan

15 (21%)

  9 (26%)

3 (30%)

chan eil

45 (63%)

21 (60%)

5 (50%)

 

 

Am measg nam fileantach aig a bheil cèile le Gàidhlig, tha ìre cleachdaidh na Gàidhlig gu math ìosal. Cha robh ach aon chàraid am measg an luchd-fhreagairt a chuir an cèill gum bi an dithis aca a’ bruidhinn Gàidhlig ri chèile fad an t-siubhail. Tha diofar glè shoilleir eadar na càraidean anns an robh an dithis fileanta agus na càraidean anns a bheil aon chèile dìreach meadhanach fileanta: ged a thuirt 57% den luchd-fhreagairt aig a bheil cèile fileanta gum bi iad a’ bruidhinn Gàidhlig ri chèile fad an t-siubhail, air neo gum bi iad a’ bruidhinn an aon uiread de Ghàidhlig agus de Bheurla, thuirt 100% den fheadhainn le cèile a tha dìreach meadhanach fileanta gum bi iad a’ cleachdadh Beurla fad an t-siubhail.

 

Clàr 11

 

 

Ma tha Gàidhlig aig ur cèile, dè na cànain a bhios sibh a’ bruidhinn ri chèile gu h-àbhaisteach?

 

 

Fileantaich aig a bheil cèile a tha fileanta sa Ghàidhlig

 

Fileantaich aig a bheil cèile le ‘beagan’ Gàidhlig

Gàidhlig fad an t-siubhail

        1 (14%)

      0

barrachd Gàidhlig na Beurla

        0

      0

an aon uiread de Ghàidhlig agus de Bheurla

        3 (43%)

      0

barrachd Beurla na Gàidhlig

        3 (43%)

      0

Beurla fad an t-siubhail

        0

      12 (100%)

Air an làimh eile, tha e inntinneach (agus is dòcha caran duilich a thuigsinn) gu bheil ìre cleachdaidh na Gàidhlig rud beag nas àirde am measg an luchd-fhreagairt a tha dìreach meadhanach fileanta ach aig an bheil cèile le Gàidhlig: bha ceathrar anns a’ bhuidhinn seo, dithis aig a bheil cèile a tha fileanta agus dithis eile aig a bheil cèile le ‘beagan’ Gàidhlig, ach thuirt a h-uile duine aca gum bi iad a’ bruidhinn barrachd Beurla na Gàidhlig ri chèile, i.e. gum bi iad a’ cleachdadh beagan Gàidhlig co-dhiù.

 

Chan eil ìre tar-chur a’ chànain àrd: am measg nam fileantach, thuirt còrr is 40% den luchd-fhreagairt nach eil Gàidhlig aig an cuid cloinne. Gun teagamh, seo toradh cudromach agus eu-dòchasach, ach tha e a’ dol le fiosrachadh a fhuaradh bho thùsan eile. Mar eisimpleir, a rèir an rannsachaidh a rinneadh leis an Ollamh Coinneach MacFhionghain air toraidhean cunntas-sluaigh 1991, ann an Galldachd na h-Alba bha Gàidhlig aig dìreach 6.8% den chloinn aig an robh aon phàrant le Gàidhlig agus aig 60% den chloinn aig an robh dithis phàrant le Gàidhlig (MacKinnon 1997: 107).

 

Tha an ìre tar-chuir nas àirde am measg an luchd-ionnsachaidh fhileanta na na ‘dùthchasaich’: thuirt 50% den luchd-ionnsachaidh fhileanta gu bheil Gàidhlig aig an cuid cloinne, an coimeas ri dìreach 14% de na ‘dùthchasaich’ (ach bha an àireamh de luchd-ionnsachaidh a fhreagair a’ cheist seo beag — tha 50% a’ ciallachadh 4 a-mach à 8 luchd-freagairt). Gu dearbh, tha an ìre (22%) nas àirde am measg na feadhna a tha dìreach meadhanach fileanta, no aig a bheil glè bheag de Ghàidhlig; tha e follaiseach gu bheil a’ mhòrchuid de chloinn an luchd-fhreagairt seo an sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus gur ann aig an sgoil a thog iad an cuid Gàidhlig (gu ìre mhòir co-dhiù).[9]

 

 

Clàr 12

 

 

Ma tha clann agaibh, a bheil Gàidhlig aca (aige/aice)?        

 

 

Luchd-freagairt uile

 

Fileantaich

(‘dhùthchasach’)

 

Fileantaich

(luchd-ionnsachaidh)

 

tha

     11 (22%)

       4 (14%)

     4 (50%)

tha beagan

     15 (30%)

     11 (39%)

     0

tha aig cuid aca

       6 (12%)

       4 (14%)

     0

chan eil

     18 (36%)

       9 (32%)

     4 (50%)

 

 

Gun teagamh, tha tar-chur cànain bho phàrant gu cloinn an crochadh air cleachdadh a’ chànain eadarra; mar sin, leis mar nach robh an ìre tar-chuir àrd, chan eil e na annas nach bi a’ mhòrchuid de phàrantan agus chloinn a’ bruidhinn Gàidhlig ri chèile. Fiù ’s nuair a tha Gàidhlig (fhileanta) aig an dà chuid pàrant(an) agus clann, tha dìreach 25% a’ bruidhinn Gàidhlig ri chèile fad an t-siubhail agus 76% a’ cleachdadh Beurla a cheart cho tric no fiù ’s nas trice na Gàidhlig.

 


  Clàr 13

 

 

Ma tha clann agaibh, dè na cànain a bhios sibh a’ bruidhinn riutha (ris/rithe) gu

h-àbhaisteach?[10]  

 

 

Luchd-freagairt uile

 

Fileantaich

‘dhùthchasach’

 

Fileantaich

(luchd-ionn-sachaidh)

 

Luchd-freagairt aig a bheil clann le Gàidhlig

 

Fileantaich aig a bheil clann le Gàidhlig

Gàidhlig fad an t-siubhail

 

  2 (3%)

  2 (7%)

0

2 (13%)

2 (25%)

barrachd Gàidhlig na Beurla

 

  0

  0

0

0

0

an aon uiread de Ghàidhlig agus de Bheurla

 

  6 (10%)

  2 (7%)

3 (43%)

3 (20%)

3 (38%)

barrachd Beurla na Gàidhlig

 

15 (26%)

  6 (21%)

1 (14%)

9 (60%)

3 (38%)

Beurla fad an             t-siubhail

 

32 (55%)

18 (62%)

3 (43%)

1 (7%)

0

eile

  3 (5%)

  1 (3%)

1 (14%)

0

0

 

 

Chaidh ceist a bharrachd a chur air an luchd-fhreagairt aig a bheil còrr is aon neach-cloinne, agus Gàidhlig aca uile: ‘dè na cànain a bhios iad a’  bruidhinn ri chèile gu h-àbhaisteach?’ A-mach à 13 luchd-freagairt,[11] thuirt 1 (8%) gum bi iad a’ bruidhinn Gàidhlig fad an t-siubhail, 7 (54%) gum bi iad a’ bruidhinn barrachd Beurla na Gàidhlig, agus 5 (38%) gum bi iad a’ bruidhinn Beurla fad an t-siubhail. Tha an toradh seo a’ nochdadh laigse suidheachadh a’ chànain ann an Dùn Èideann, ach tha an aon phàtran ri fhaicinn aig ìre nàiseanta a rèir an rannsachaidh a dhèanadh an lùib a’ phròiseict Euromosaic ann an 1994 (Euromosaic 1995: clàr 6).

 

 

(4) Roghainn cànain agus dìlseachd cànain

 

Chaidh fiosrachadh a shireadh mu dhìlseachd cànain anns an fharsaingeachd. Tha e follaiseach nach eil an ìre dìlseachd ro àrd: thuirt a’ mhòrchuid de na fileantaich (63%) nach eil roghainn stèidhte aca a thaobh cleachdadh na Gàidhlig agus na Beurla. Thuirt 8% de na fileantaich gum b’ fheàrr leotha a bhith a’ bruidhinn Beurla na Gàidhlig; ach tha an luchd-freagairt seo uile (a rèir a’ mheasaidh aca fhèin) nas fileanta anns a’ Bheurla na tha iad anns a’ Ghàidhlig.

 

 


                      Clàr 14

 

 

Ma tha taghadh agaibh, am b’ fheàrr leibh a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig no Beurla?   (%)

 

 

Fileantaich

a-mhàin

Gàidhlig

   29

Beurla

     8

tha e an crochadh air an t-suidheachadh

   58

tha mi coma

     5

chan eil fios agam / chan eil mi cinnteach

     0

 

 

Am measg an luchd-fhreagairt a thuirt gum b’ fheàrr leotha a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig, tha measgachadh de adhbharan aca agus bha diofar soilleir eadar na ‘dùthchasaich’ agus an luchd-ionnsachaidh. Am measg nan ‘dùthchasach’ aig an robh an roghainn seo, thuirt 41% gur e Gàidhlig an cànan màthaireil no gu bheil an cuid Gàidhlig nas fheàrr no nas fileanta, ach bha mìneachaidhean den t-seòrsa aig dìreach 7% den luchd-ionnsachaidh; rud a ghabhas tuigsinn gu furasta.

 

Bha cothrom aig an luchd-fhreagairt còrr is aon fhreagairt don cheist seo a chomharrachadh: am measg nan adhbharan eile a chaidh a thabhann dhaibh, bhuineadh cuid aca ri beachdan air maise agus cuid eile ri poileataigs. Thuirt aon duine, mar eisimpleir, gu robh e den bharail gu bheil a’ Bheurla na ‘burraidh’, rud nach eil a’ còrdadh ris. Thuirt grunn daoine gum bi iad a’ faighinn barrachd tlachd bho bhith a’ bruidhinn Gàidhlig.

 

 

 Clàr 15

 

 

Mas fheàrr leibh a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig, carson?    (%)

 

Fileantaich

(‘dhùthchasach’)

 

Fileantaich

(luchd-ionnsachaidh)

 

is e Gàidhlig mo chànan màthaireil

38

  7

tha mi airson a’ Ghàidhlig a chumail beò

31

33

tha e nas fhasa a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig

10

  0

tha mo chàirdean / charaidean / cho-obraichean

a’ bruidhinn Gàidhlig

10

20

tha mo chuid Gàidhlig nas fheàrr / nas fileanta

  3

  0

chan eil fios agam / chan eil mi cinnteach

  0

  7

adhbhar(an) eile

  7

33

 

 

Am measg nam beagan fhileantach a thuirt gur feàrr leotha a bhith a’ bruidhinn Beurla ma tha an taghadh aca, thuirt 37.5% gur ann a chionn ’s gur e Beurla an cànan màthaireil, 37.5% a chionn ’s gu bheil na càirdean / caraidean / co-obraichean  aca a’ bruidhinn Beurla, 12.5% a chionn ’s gu bheil an cuid Beurla nas fheàrr / nas fileanta, agus 12.5% a chionn ’s gu bheil e nas fhasa dhaibh a bhith a’ bruidhinn Beurla. Cha do thagh duine sam bith an t-adhbhar ‘poilitigeach’ a chaidh a thabhann anns a’ cheisteachan, i.e. ‘chan eil mi a’ faicinn mòran luach anns a’ Ghàidhlig’. Tha am pàtran seo brosnachail, ach dh’fhaodadh e bhith gum faighte freagairtean diofraichte bho Ghàidheil eile nach deach a ghlacadh leis an rannsachadh seo.

(5) Cleachdadh na Gàidhlig ann an suidheachaidhean sòisealta is poblach

 

Chaidh grunn cheistean a chur mu chleachdadh na Gàidhlig ann an diofar shuidheachaidhean: dè cho tric ’s a bhios daoine a’ bruidhinn Gàidhlig agus dè cho leathann ’s a tha na raointean cleachdaidh aice.

 

Tha e follaiseach gur e glè bheag de dhaoine a tha a’ cleachdadh Gàidhlig mar phrìomh-chànan ’nam beatha làitheil. Thuirt 37% de na fileantaich gum bi iad a’ bruidhinn Gàidhlig a h-uile latha, ach dìreach 3% gum bi iad a’ bruidhinn barrachd Gàidhlig na Beurla a h-uile latha, i.e. gur e Gàidhlig am prìomh-chànan aca. Air an làimh eile, thuirt 17% de na fileantaich gum bi iad a’ bruidhinn Gàidhlig dìreach aon latha anns an t-seachdain, no fiù nas ainneimhe na sin.

 

  Clàr 16

 

 

Ann an seachdain àbhaisteach, dè cho tric ’s a bhios sibh a’ bruidhinn Gàidhlig?            (%)

 

 

Fileantaich

 

Leth-fhileantaich

 

barrachd Gàidhlig na Beurla a h-uile latha

  3

  0

a h-uile latha

34

15

4-6 làithean anns an t-seachdain

23

  8

2-3 làithean anns an t-seachdain

18

19

1 latha anns an t-seachdain

  9

27

nas ainneimhe

  8

27

chan eil fios agam / chan eil mi cinnteach

  5

  4

 

 

A rèir coltais, chan eil ‘lìonraidhean sòisealta’ Gàidhlig na cathair-bhaile ro theann. Ged a thuirt 76% den luchd-fhreagairt gu bheil iad eòlach air co-dhiù deichnear a tha a’ bruidhinn Gàidhlig agus a tha a’ fuireach ann an Dùn Èideann, tha dìreach 27% de na fileantaich a’ bruidhinn Gàidhlig ri 10 duine no an còrr ann an seachdain àbhaisteach, agus 58% a’ bruidhinn Gàidhlig ri nas lugha na 5 daoine.

 

 

  Clàr 17

 

 

Cia mheud duine a tha sibh eòlach air a tha a’ bruidhinn Gàidhlig agus a tha a’ fuireach ann an Dùn Èideann?     (%)

 

 

Luchd-freagairt uile

 

Fileantaich

(’dhùthchasach’)

 

Fileantaich

(luchd-ionnsachaidh)

barrachd air 50

13

21

  0

20-50

43

38

67

10-19

20

17

17

5-9

12

13

  6

nas lugha na 5

  9

  8

  6

chan eil fios agam /

chan eil mi cinnteach

  4

  4

  6

 

 

 

 

 Clàr 18

 

 

Ann an seachdain àbhaisteach, cia mheud

duine a bhios sibh a’ bruidhinn Gàidhlig ris ann an Dùn Èideann?     (%)

 

 

Fileantaich

(‘dhùthchasach’)

 

Fileantaich

(luchd-ionnsachaidh)

barrachd air 50

    2

    0

20-50

    8

    0

10-19

  17

  15

5-9

  14

  19

nas lugha na 5

  58

  63

chan eil fios agam / chan eil mi cinnteach

    3

    5

 

 

Bha diofar inntinneach a thaobh pàtran cleachdaidh a’ chànain leis na fileantaich ‘dhùthchasach’ agus an luchd-ionnsachaidh fhileanta. Mar a bhiodh dùil, tha na fileantaich ‘dhùthchasach’ gu math nas buailtiche a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig ri fileantaich ‘dhùthchasach’ eile seach ri luchd-ionnsachaidh. A dh’aindeoin sin, cha robh sgaradh eadar an dà bhuidheann idir. Bha cuid de luchd-ionnsachaidh nach robh fileanta sa chànan den bheachd nach robh na fileantaich ‘dhùthchasach’ taiceil dhaibh, ach thuirt aon neach-freagairt aig a bheil Gàidhlig bho dhùthchas gum bi esan a’ dèanamh oidhirp shònraichte ri bhith a’ bruidhinn Gàidhlig ri luchd-ionnsachaidh nuair a gheibh e an cothrom.

 

 

  Clàr 19

 

 

Dè an seòrsa dhaoine a bhios sibh a’ bruidhinn Gàidhlig ris ann an Dùn Èideann?

 (%)

 

 

Fileantaich

‘dhùthchasach’

 

Fileantaich

(luchd-ionnsachaidh)

dìreach daoine aig a bheil Gàidhlig bho dhùthchas

   34

     6

barrachd dhaoine aig a bheil Gàidhlig bho dhùthchas na luchd-ionnsachaidh

   40

   33

barrachd luchd-ionnsachaidh na daoine aig a bheil Gàidhlig bho dhùthchas

   17

   61

luchd-ionnsachaidh a-mhàin

     0

     0

chan eil fios agam / chan eil mi cinnteach

     9

     0

 

 

Gu ìre mhòir, tha e coltach gu bheil a’ Ghàidhlig na cànan prìobhaideach no fiù dìomhair ann an Dùn Èideann. Chuir dìreach 7% den luchd-fhreagairt an cèill gum bi iad a’ cluinntinn dhaoine air nach eil iad eòlach idir a’ bruidhinn Gàidhlig ri chèile ann an Dùn Èideann co-dhiù aon turas gach mìos, agus 86% gun tachair sin dìreach corra uair ann am bliadhna, no fiù nas ainneimhe na sin.[12]


                        Clàr 20

 

 

Dè cho tric ’s a bhios sibh a’ cluinntinn strèinnsearan (daoine air nach eil sibh eòlach idir) a’ bruidhinn Gàidhlig ri chèile ann an Dùn Èideann?

 

 

         %

 

a h-uile latha

          0

co-dhiù aon turas gach seachdain

          3

co-dhiù aon turas gach mìos

          4

dìreach corra uair ann am bliadhna

        42

nas ainneimhe

        44

chan eil fios agam / chan eil mi cinnteach

          7

 

 

Chaidh grunn cheistean a chur mu na suidheachaidhean anns an bheileas a’ cleachdadh na Gàidhlig. Mar a bhiodh dùil, bha fada bharrachd Gàidhlig ga cleachdadh airson cuid de dh’adhbharan agus ann an cuid de dh’àiteachan seach adhbharan is àiteachan eile. Cha tuirt duine sam bith, mar eisimpleir, gum bi e/i a’ cleachdadh Gàidhlig ann am bùthan ann an Dùn Èideann nas trice na 1-2 latha san t-seachdain, rud nach eil na iongnadh — gu dearbh, is dòcha gu bheil e na iongadh gun tuirt 36% den luchd-fhreagairt gum bi iad a’ cleachdadh Gàidhlig ann am bùthan ann an Dùn Èideann bho àm gu àm co-dhiù. Tha diofar cudromach eadar na suidheachaidhean a chaidh a chomharrachadh anns a’ cheisteachan: bidh a h-uile duine a’ dèanamh cuid de na rudan a chaidh a shònrachadh, gu ìre co-dhiù, ach cha bhi a h-uile duine a’ dèanamh cuid eile dhiubh (ann an cànan sam bith). Mar eisimpleir, is dòcha gum bi a h-uile duine a’ dol do na bùthan no do thaighean-bìdh ach cha bhi a h-uile duine ag obair (airson tuarastail) no a’ cleachdadh an eadar-lìn. Mar sin, thuirt 17% de na fileantaich uile gum bi iad a’ cleachdadh na Gàidhlig a h-uile latha agus iad a’ cleachdadh an eadar-lìn; ach tha fhios gu bheil cuibhreann dhiubh nach bi a’ cleachdadh an eadar-lìn idir, agus gu bheil ìre cleachdadh làitheil na Gàidhlig am measg na feadhna a bhios a’ cleachdadh an eadar-lìn gu math nas àirde na 17%.

 


 

Càite am bi sibh a’ cleachdadh Gàidhlig ann an Dùn Èideann, agus ciamar a bhios sibh ga cleachdadh?

 

(fileantaich a-mhàin)

 

 

A h-uile latha

(%)

 

5-6 làithean anns an t-seachdain

(%)

 

3-4 làithean anns an t-seachdain

(%)

 

1-2 latha

anns an

t-seachdain

(%)

 

na b’ainneimhe

(%)

 

chan eil fios agam/

chan eil mi cinnteach

(%)

 

 

iomlan

 

(%)

ag èisteachd ris an radio

 

33

15

11

21

12

4

94

a’ coimhead telebhisean

 

14

  2

  8

44

26

0

94

a’ leughadh no a’ sgrìobhadh litrichean

 

  5

  2

  5

20

59

5

94

a’ leughadh leabhraichean, irisean no pàipearan-naidheachd

 

24

  8

  8

27

21

4

92

air a’ fòn

 

12

  9

14

29

21

3

88

còmhraidhean air an t-sràid

  3

  0

  3

18

53

8

85

dachaighean chàirdean no charaidean

 

  2

  0

  5

18

53

3

80

taighean-òsta, taighean-bìdh no cafés

 

  3

  0

  3

18

44

6

74

a’ cleachdadh an eadar-lìn

(a’ gabhail a-steach post-d)

 

17

  8

  6

12

21

4

67

àite-obrach

 

20

N/A

  8

  9

20

2

58

bùthan

 

  0

  0

  0

  3

33

9

45

sgoil / colaiste / oilthigh

 

  8

N/A

11

  2

14

6

39


Ceist nas cudromaiche, is dòcha, is e minigeachd cleachdadh na Gàidhlig anns na suidheachaidhean seo an coimeas ri minigeachd cleachdadh na Beurla. Mar as trice, fiù nuair a thuirt daoine gum bi iad a’ cleachdadh na Gàidhlig anns na suidheachaidhean seo, dh’aidich iad gum bi iad a’ cleachdadh na Beurla nas trice. Air an làimh eile, tha e ùidheachail agus is dòcha brosnachail gu bheil grunn fhileantach a’ cleachdadh barrachd Gàidhlig na Beurla ann an suidheachaidhean sòisealta cudromach agus ‘meadhanach’, ann an dachaighean chàirdean no charaidean (17%) no a’ bruidhinn air a’ fòn (21%). Tha an toradh seo a’ sealltainn cudromachd nan ‘lìonraidhean sòisealta’ Gàidhlig anns a’ chathair-bhaile.

 

 

 Clàr 22

 


 

Am bi sibh a’ cleachdadh Gàidhlig na bu trice na Beurla . . . ?                  

 

[daoine a thuirt gum bi iad a’ cleachdadh Gàidhlig anns na suidheachaidhean seo co-dhiù aig amannan]

 

 

bithidh   (%)

 

Fileantaich

 

 

bithidh    (%)

 

Fileantaich

(‘dhùthchasach’)

 

bithidh    (%)

 

Fileantaich

(luchd-ionnsachaidh)

 

ag èisteachd ris an radio

53

51

56

anns an àite-obrach  

24

27

  7

aig an sgoil / colaiste / oilthigh[13] 

22

21

22

a’ bruidhinn air a’ fòn

21

21

24

ann an dachaighean chàirdean no charaidean

17

17

18

ann an còmhraidhean air an t-sràid

12

10

17

ann an taighean-òsta, taighean-bìdh

no cafés

  9

14

  0

a’ coimhead telebhisean

  8

  5

18

a’ leughadh / a’ sgrìobhadh litrichean

  7

  3

19

a’ cleachdadh an eadar-lìn

  4

  0

13

a’ leughadh leabhraichean, irisean no pàipearan-naidheachd

  2

  2

  0

ann am bùthan 

  0

  0

  0

 

 

Thuirt 59% den luchd-fhreagairt, aon 62 duine, gu bheil iad an sàs ann am buidheann (no buidhnean) Gàidhlig, ach thuirt 41% nach eil.[14] Tha an ìre ballrachd as àirde (94%) am measg na feadhna a dh’ionnsaich Gàidhlig gu fileantachd, agus an ìre ballrachd as ìsle (42%) am measg nam fileantach ‘dùthchasach’. Tha e furasta gu leòr am pàtran seo a thuigsinn, oir rinn an luchd-ionnsachaidh fileanta, agus gu dearbh an fheadhainn gun (mòran) Gàidhlig a ghabh pàirt anns an rannsachadh, ‘sireadh’ air a’ Ghàidhlig, mar gum biodh, rud nach eil fìor, anns an aon dòigh co-dhiù, mu na fileantaich ‘dhùthchasach’. Cuideachd, chan eil e annasach gu bheil ballrachd ann an Comann nam Pàrant nas àirde am measg dhaoine aig a bheil clann de dh’aois sgoile, agus gu bheil an ìre ballrachd ann an Clì Gàidhlig fada nas àirde am measg na feadhna a dh’ionnsaich Gàidhlig gu fileantachd na tha i am measg nam fileantach ‘dùthchasach’ (56% an taca ri 6%).

 


                        Clàr 23

 

Ballrachd ann am buidhnean Gàidhlig

 

Àireamh bhall

An Comunn Gaidhealach

    26

Clì Gàidhlig

    20

FÀS (Dùn Èideann)

    18

Comann nam Pàrant 

    11

Còisir Ghàidhlig Lodainn

      9

Cluicheadairean Gàidhlig Dhùn Èideann

      5

Eaglais nam Manach Liath

      4

Sradagan

      4

Cearcall Còmhraidh Dhùn Èideann

      2

Còisir Ghàidhlig Dhùn Èideann

      2

Comann Ceilteach Oilthigh Dhùn Èideann

      2

Comunn na Gàidhlig

      2

eile

      5

 

 

Thuirt a’ mhòrchuid den luchd-fhreagairt gum bi iad a’ frithealadh thachartasan Gàidhlig ann an Dùn Èideann, ach mar as trice bha e coltach nach e cleachdadh làitheil, seachdaineil, no fiù mìosail a tha fo cheist.[15] Mar eisimpleir, thuirt 73% den luchd-fhreagairt gum bi iad a’ dol do chèilidhean tradiseanta, ach thuirt mu dà thrian dhiubh sin nach tachair seo ach 1-2 thuras ann am bliadhna. Mar sin, tha e coltach nach eil àite ro chudromach aig tachartasan poblach Gàidhlig ann am ‘beatha shòisealta’ luchd Gàidhlig Dhùn Èideann.

 

  Clàr 24

 

 

Dè cho tric ’s a bhios sibh

a’ frithealadh thachartasan Gàidhlig ann an

Dùn Èideann?

 

 

Luchd-freagairt uile

(%)

 

 

Fileantaich

(‘dhùthchasach’)

(%)

 

 

Fileantaich

(luchd-ionnsachaidh)

(%)

 

cèilidhean tradiseanta

 

>10 tursan/bliadhna

> 6-10 tursan/bliadhna

       > 3-5 tursan/bliadhna

       > 1-2 turas/bliadhna

 

73

 

       5

       6

     14

     49

75

 

       4

       8

     17

     46

78

 

     17

       6

       6

     50

 

cuirmean/fèisean ciùil Ghàidhlig/

mòdan ionadail

 

>10 tursan/bliadhna

> 6-10 tursan/bliadhna

       > 3-5 tursan/bliadhna

       > 1-2 turas/bliadhna

59

 

 

      1

      6

     11

     41

65

 

 

      2

      4

    13

    46  

61

 

 

      0

    11

      6

    44

     

dealbhan-cluich Gàidhlig

 

>10 tursan/bliadhna

> 6-10 tursan/bliadhna

       > 3-5 tursan/bliadhna

       > 1-2 turas/bliadhna

57

 

       1

       1

       5

     50

75

 

       2

       2

       8

     63

61

 

      0

      0

      6

    56

co-labhairtean cultarach no acadamaigeach (tro mheadhan

na Gàidhlig)

 

>10 tursan/bliadhna

> 6-10 tursan/bliadhna

       > 3-5 tursan/bliadhna

       > 1-2 turas/bliadhna

43

 

 

 

      0

      1

      4

    38

 

46

 

 

 

     0

     0

     2

   44

72

 

 

 

     0

     6

    11

    56

seirbhisean eaglais

(tro mheadhan na Gàidhlig)

 

> 50 turas/bliadhna

> 20 turas/bliadhna

       > 10-20 turas/bliadhna

       > 5-9 tursan/bliadhna

       > 1-4 tursan/bliadhna

 

40

 

 

     4

     3

     4

     7

   23

48

 

 

    2

    4

    2

  10

  29

 

33

 

 

   11

     6

     6

     6

     6

 

coinneamhan no cruinneach-aidhean poilitigeach (mun Ghàidhlig)

 

>10 tursan/bliadhna

> 6-10 tursan/bliadhna

       > 3-5 tursan/bliadhna

       > 1-2 turas/bliadhna

 

37

 

 

 

      4

      5

      5

    24

31

 

 

 

     4

     0

     2

   25

 

56

 

 

 

   11

   11

   11

   22

cuirmean sgeulachdan Gàidhlig

 

>10 tursan/bliadhna

> 6-10 tursan/bliadhna

       > 3-5 tursan/bliadhna

       > 1-2 turas/bliadhna

 

36

 

     0

     0

     1

   34

38

 

     0

     0

     0

   38

56

 

     0

     6

     6

   44

 

 

 

(6)  Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig

 

Am measg nan toraidhean as inntinniche a fhuaradh anns an rannsachadh is e fiosrachadh mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTMG). Gu ìre mhòir, is e daoine nach eil fileanta ann an Gàidhlig a thagh FTMG airson an cuid cloinne: am measg an luchd-fhreagairt aig a bheil clann a tha an sàs ann am FTMG, tha 78% nan neo-fhileantaich’. Air an làimh eile, thuirt 86% de na fileantaich dhùthchasach’ aig a bheil clann de dh’aois sgoile nach eil an cuid cloinne an sàs ann am FTMG.[16]

 

Seo dùbhlan dha-rìribh a thaobh glèidheadh agus leasachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann, oir tha FTMG, agus Bunsgoil Tollcross, far a bheil an t-aonad Gàidhlig suidhichte, nan damhnadh coimhearsnachd ùir Ghàidhlig.

 
  Clàr 25

 

 

Ma tha clann de dh’aois sgoile agaibh, a bheil iad an sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig?

 

 

Luchd-freagairt uile

 

Fileantaich

(‘dhùthchasach’)

 

Fileantaich

(luchd-ionnsachaidh)

tha

11 (35%)

1 (7%)

2 (50%)

tha cuid dhiubh

1 (3%)

1 (7%)

0

chan eil

19 (61%)

12 (86%)

2 (50%)

 

 

Thagh na pàrantan a ghabh pàirt anns an rannsachadh seo FTMG airson diofar adhbharan, ach chuir a’ mhòrchuid cuideam air dìon na Gàidhlig no air luach an dà-chànanais. Mar a bhiodh dùil, leis mar a cho beag de chloinn nam fileantach dùthchasach an sàs ann an FTMG, cha do rinn mòran an taghadh seo a chionn ’s gu robh iad a’ sireadh foghlam ann an cànan mhàthaireil na cloinne/an teaghlaich.

 

 

  Clàr 26

 

 

Ma tha clann agaibh a tha an sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, carson a thagh sibh an seòrsa foghlaim seo dhaibh?   (%)

 

 

Luchd-freagairt uile

tha mi airson a’ Ghàidhlig a chumail beò

28

tha mi airson ’s gum bi mo chuid cloinne dà-chànanach

28

saoilidh mi gu bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig

nas fheàrr na foghlam tro mheadhan na Beurla

19

is e Gàidhlig mo chànan màthaireil

5

is e Gàidhlig cànan màthaireil mo chuid cloinne

5

tha na clasaichean nas lugha na tha iad ann am foghlam àbhaisteach

5

adhbhar(an) eile

7

chan eil fios agam / chan eil mi cinnteach

5

 

 

Air an làimh eile, is dòcha gu bheil beagan dòchais rim faighinn a thaobh nan adhbharan carson nach do thagh pàrantan FTMG. Is e fìor bheag dhiubh a nochd iomagain mu chàileachd no luach FTMG. Mar eisimpleir, cha tuirt gin de na ‘fileantaich dhùthchasach’ nach do thagh iad FTMG a chionn ’s nach robh ‘làn earbsa a[ca] ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig’ no gu robh iad den bheachd ‘gum biodh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ bacadh na cloinne’. Do na fileantaich seo, tha e follaiseach gur e adhbharan teaghlaich a bha air cùlaibh nan co-dhùnaidhean aca: thuirt a’ mhòrchuid gun do thagh iad foghlam tro mheadhan na Beurla a chionn ’s nach eil Gàidhlig aig a’ chèile aca air no gur e Beurla cànan màthaireil an cuid cloinne.[17] Tha na freagairtean seo a’ nochdadh cion dìlseachd cànain, ged-tà: mas e Beurla cànan na cloinne, tha seo a’ ciallachadh nach robh a’ Ghàidhlig air a cleachdadh tric gu leòr anns an dachaigh (toradh a tha a’ dol leis an fhiosrachadh a chuireadh an cèill ann an roinn 3 den aithisg seo).

 

 

 

 Clàr 27

 

 

Ma tha clann de dh’aois sgoile agaibh nach eil an sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, carson nach do thagh sibh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig dhaibh?       (%)

 

 

Luchd-freagairt uile

 

Fileantaich

‘dhùthchasach’

 

Fileantaich

(luchd-ionnsachaidh)

is e Beurla cànan màthaireil mo chuid cloinne

 

21

27

  0

chan eil Gàidhlig aig mo chèile

 

17

27

  0

cha d’fhuair iad foghlam ro-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig

 

17

  7

20

duilgheadasan siubhail

 

10

  7

40

shaoil mi gu bheil foghlam tro mheadhan na Beurla nas fheàrr na foghlam tro mheadhan na Gàidhlig

 

  7

  7

20

cha robh ùidh agam anns a’ Ghàidhlig nuair a chaidh a’ chlann dhan sgoil an toiseach

 

  7

  7

  0

saoilidh mi gum biodh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ bacadh na cloinne

 

  3

  0

  0

cha robh mi riaraichte leis an sgoil far a bheil foghlam Gàidhlig ri fhaighinn

 

  3

  0

20

chan eil làn earbsa agam ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig

 

  0

  0

  0

cha robh fios agam gu robh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaighinn

 

  0

  0

  0

adhbhar(an) eile

14

20

  0

 

 

(7)  Beachdan air a’ Ghàidhlig

 

Chaidh grunn cheistean a chur mu beachdan dhaoine air àite na Gàidhlig ann an Dùn Èideann, ìomhaigh na Gàidhlig, agus poileasaidhean poblach a thaobh a’ chànain.

 

Bha an luchd-freagairt fada den bheachd gum bu chòir a’ Ghàidhlig adhartachadh ann an Dùn Èideann: thuirt 72% gu bheil seo ‘cudromach’ no ‘air leth cudromach’, agus dìreach 5% nach eil e ‘glè chudromach’ no nach eil e ‘cudromach idir’. Ach bha sgaraidhean inntinneach ann eadar na beachdan aca fhèin agus na faireachdainnean a bha aca air beachdan dhaoine eile, an dà chuid luchd Gàidhlig na Gàidhealtachd agus, gu h-àraidh, muinntir Dhùn Èideann anns an fharsaingeachd. A rèir an luchd-fhreagairt, tha a’ mhòr-mhòrchuid ann an Dùn Èideann coma mun Ghàidhlig anns a’ chathair-bhaile: ann an tomhas an luchd-fhreagairt bhiodh 34% dhiubh den bheachd nach eil leasachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann cudromach idir, agus bhiodh 36% a bharrachd dhiubh den bheachd nach eil e glè chudromach.[18] Tha e follaiseach gu bheil luchd Gàidhlig na cathair-bhaile gan tuigsinn fhèin mar mhionchuid nach eil a’ faighinn mòran bàidh no spèis bhon mhòrchuid.


Clàr 28

 

 

Nur beachd-sa, dè cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ leasachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann?        (%)

 

Nur beachd-sa,

dè a’ bharail a tha aig luchd Gàidhlig a tha a’ fuireach anns a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan a thaobh leasach-adh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann?        (%)

 

Nur beachd-sa, dè a’ bharail a tha aig muinntir Dhùn Èideann anns an fharsaingeachd a thaobh leasachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann?   (%)

 

tha e air leth cudromach

 

52

  9

  3

tha e cudromach

 

20

11

  9

tha e cudromach gu leòr, ach chan eil e cho cudromach ri leasachadh na Gàidhlig anns a’ Ghaidhealtachd agus na h-Eileanan

 

21

35

11

chan eil e glè chudromach

 

  3

18

36

chan eil e cudromach idir

 

  2

  2

34

chan eil fios agam / chan eil mi cinnteach

 

  2

25

  7

 

 

Bha cothrom aig an luchd-fhreagairt am beachdan air na cuspairean seo a mhìneachadh agus a leudachadh. Bha measgachadh de bheachdan aca, mar a bhiodh dùil.

 

A thaobh luach leasachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann, chuir grunn daoine cuideam air inbhe na cathair-bhaile mar phrìomh-bhaile na h-Alba agus dachaigh na Pàrlamaid nàiseanta. Don fheadhainn seo tha e riatanach gum faigh a’ Ghàidhlig inbhe cheart ann an Dùn Èideann. Mar eisimpleir: ‘Edinburgh purports to be the capital city of Scotland: Gaelic is the traditional language of a major part of the country. Therefore Gaelic should play a major part in the life of the city’.

 

Chuir cuid de dhaoine cuideam air cudromachd nan coimhearsnachdan bailteil Gàidhlig do dh’ìomhaigh na Gàidhlig:

 

 

Ach bha cuid eile teagmhach:

 

·         ‘Ma tha a’ Ghàidhlig a’ dol a shoirbheachadh, feumaidh i a bhith air a bruidhinn gu nàdarra leis a’ mhòr-shluagh sa choimhearsnachd, agus cha thachair sin ann an Dùn Èideann’

·          ‘Cha chum thu Gàidhlig beò le buidheann beag de luchd-ionnsachaidh a’ gabhail tì le chèile ann an Dùn Èideann; mura bheil a’ chlann ann an Lìonacleit no Port Rìgh ga bruidhinn eatorra fhèin!’

 

A thaobh seallaidhean luchd-labhairt na Gàidhlig anns a’ Ghàidhealtachd air a’ Ghàidhlig ann an Dùn Èideann, chunnacas measgachadh de bheachdan:

 

·         ‘Chan eil fhios aca gu bheil mòran dhaoine anns na bailtean a bhios a’ bruidhinn Gàidhlig’

·         ‘The Gaelic speakers I know from the islands are amused about people learning Gaelic in Edinburgh’

·         ‘Most native speakers in my family would prefer the language retained its heartland and survived in an ‘authentic’ setting. They are sceptical about its future otherwise’

·         ‘In certain parts of the Highlands and Islands Gaelic is tied up with economic development. Some people resent funding for Gaelic being allocated to the Lowlands. I also suspect that some people associate Edinburgh with the establishment and anti-Highland sentiment’

·         ‘I think those in the Gaidhealtachd recognise Edinburgh’s importance in Gaelic more as a centre for lobbying’

 

Bha a’ mhòrchuid de na freagairtean a thaobh beachdan mòr-shluagh Dhùn Èideann caran dubhach:

 

·         ‘Chan eil e cudromach do mhuinntir Dhùn Èideann ma tha Gàidhlig beò no marbh’

·         ‘Chan eil iad a’ smaoineachadh gu bheil ceangal sam bith aig Gàidhlig ri baile Dhùn Èideann. Tha mòran dhiubh aineolach de Ghàidhlig’

·         ‘Chan e rud a th’ann a tha cur dragh mòr sam bith orra — cha bhuin a’ Ghàidhlig do dhualchas an àite’

·         ‘People in Edinburgh still associate Gaelic with whisky, shortbread and the Highlands!’

·         ‘Gaelic has a low profile in Edinburgh and residents follow the lead of the Council and the Evening News in considering the language to be irrelevant and a drain on resources’

 

Bha cuid den bheachd gun robh tomhas de ghràin ri fhaireachdainn a thaobh na Gàidhlig agus nan Gàidheal, ach cha robh a h-uile duine ag aontachadh ri seo:

 

·         ‘’S ann a shaoileas mi gu bheil cuid aca a’ coimhead sìos orm airson gu bheil Gàidhlig agam agus blas Gàidhealach air mo chainnt’

·         ‘I feel that most people perceive Gaelic as a language which should be treated as a hobby . . . but not something which merits having serious money spent on it. I don’t think there is an anti-Gaelic feeling though’

 

Cha robh an luchd-freagairt den bheachd gu bheil Riaghaltas na h-Alba no Comhairle Dhùn Èideann taiceil don Ghàidhlig anns an fharsaingeachd. Chaidh faighneachd den luchd-fhreagairt dè an ìre, nam beachd-sa, de dh’ùidh a tha aig an Riaghaltas agus a’ Chomhairle anns a’ Ghàidhlig; is e 3.41 a-mach à 10 an comharra cuibheasach a thugadh don Riaghaltas agus 2.57 an comharra cuibheasach a thugadh don Riaghaltas. Tha e ùidheil gun deach ceistean den t-seòrsa a chur an lùib a’ phròiseict Euromosaic ann an 1994 agus nach robh luchd-freagairt an t-suirbhidh ud idir cho dubhach mu sheòl nan ùghdarrasan poblach seo (Euromosaic 1995: clàr 27).

 

 

                   Clàr 29

 

 

Nur beachdsa, dè an ìre de dh’ùidh (air sgèile 1-10) a tha aig na buidhnean a leanas anns a’ Ghàidhlig?[19]

 

 

Riaghaltas

na h-Alba

 

(%)

 

Comhairle

Dhùn Èideann

 

(%)

1

21

43

2

13

14

3

23

12

4

16

12

5

12

14

6

  7

  3

7

  6

  2

8

  1

  0

9

  1

  0

10

  0

  0

 

 

Bha ùidh glè làidir aig an luchd-fhreagairt fhèin anns a’ Ghàidhlig. Don cheist ‘Dè an ìre de dh’ùidh (air sgèile 1-10) a tha agaibh anns a’ Ghàidhlig?’, thuirt 52% ‘10’ agus b’e 8.67 an comharra cuibheasach.

 

Chaidh grunn cheistean a chur air an luchd-fhreagairt mu chor agus ìomhaigh na Gàidhlig. Bha an luchd-fhreagairt fada den bheachd gur e cànan nàiseanta a tha anns a’ Ghàidhlig, cànan a tha cudromach do dh’Alba gu lèir, agus gu bheil e cudromach gum bi clann òg ag ionnsachadh Gàidhlig, ach bha caochladh bheachdan aca a thaobh fallaineachd agus ‘ùrachd’ na Gàidhlig. Thuirt 38% gu bheil iad ag aontachadh no ag aontachadh gu làidir gu bheil a’ Ghàidhlig a’ bàsachadh, ach thuirt 39% nach eil iad ag aontachadh no nach eil iad ag aontachadh idir; thuirt 42% gu bheil iad ag aontachadh no ag aontachadh gu làidir gu bheil a’ mhòrchuid de dhaoine a’ smaoineachadh gu bheil cùisean a tha co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig ‘ro sheann-fhàsanta’, ach thuirt 37% nach eil iad ag aontachadh ri seo no nach eil iad ag aontachadh idir.

 

Chaidh na ceistean seo a chur an lùib a’ phròiseict Euromosaic ann an 1994 ach fhuaradh toraidhean gu math diofraichte (Euromosaic 1995: clàr 26). Anns an rannsachadh sin, thuirt dìreach 18% gu robh iad ag aontachadh no ag aontachadh gu làidir gu bheil a’ Ghàidhlig a’ bàsachadh, ach thuirt 67% nach robh iad ag aontachadh no nach robh iad ag aontachadh idir; agus thuirt 25% gu robh iad ag aontachadh no ag aontachadh gu làidir gu bheil a’ mhòrchuid de dhaoine a’ smaoineachadh gu bheil cùisean a tha co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig ro sheann-fhàsanta, ach thuirt 57% nach robh iad ag aontachadh no nach robh iad ag aontachadh idir. Chaidh an rannsachadh sin a dhèanamh aig ìre nàiseanta (a’ gabhail a-steach agallamhan ann an Dùn Èideann agus Glaschu) agus dh’fhaodadh e bhith gu bheil beachdan muinntir na Gàidhealtachd caran eadar-dhealaichte ri luchd Gàidhlig a’ bhaile mhòir. Tha teans ann cuideachd gu bheil beachdan dhaoine air atharrachadh thairis air na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh.

 

  Clàr 30

 

 

 

Dè ur beachd mu na smuaintean seo?          

 

(%)

 

‘Tha a’ Ghàidhlig cudromach do dh’Alba gu lèir’

 

 

‘Tha a’ Ghàidhlig a’ bàsachadh’

 

‘Tha a’ mhòrchuid de dhaoine a’ smaoineachadh gu bheil cùisean a tha co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig ro sheann-fhàsanta’

 

 

‘Tha e cudromach gum bi clann òg ag ionnsachadh Gàidhlig’

tha mi ag aontachadh

gu làidir

68

  7

  4

66

tha mi ag aontachadh

 

25

31

38

29

tha mi coma

 

  3

11

14

  4

chan eil mi ag aontachadh

  5

30

30

  0

chan eil mi ag aontachadh idir

  0

  9

  7

  1

chan eil fios agam /

chan eil mi cinnteach

  0

11

  7

  0

 

 

Uile gu lèir, cha robh pàtrain dhiofraichte rim faicinn a thaobh nam freagairtean a fhuaradh bho dhiofar sheòrsachan luchd-fhreagairt (fileantaich v. neo-fhileantaich, mar eisimpleir). Ach tha e ùidheachail gu bheil beàrn eadar ìomhaigh na Gàidhlig ann an sùilean nam fileantach ‘dùthchasach’ agus sùilean an luchd-ionnsachaidh fhileanta, ann an sùilean na h-òigridh agus na feadhna a tha suas ann am bliadhnaichean.

 

  Clàr 31

 

 

‘Tha a’ mhòrchuid de dhaoine a’ smaoineachadh gu bheil cùisean a tha co-cheangailte ris a’  Ghàidhlig ro sheann-fhàsanta’                 (%)

 

 

aois 16-34

 

 

 

aois 55+

 

 

 

Fileantaich

(‘dhùthchasach’)

 

Fileantaich

(luchd-ionnsachaidh)

 

tha mi ag aontachadh gu làidir

11

0

0

11

tha mi ag aontachadh

50

28

37

50

tha mi coma

17

14

11

11

chan eil mi ag aontachadh

11

36

37

22

chan eil mi ag aontachadh idir

0

11

7

0

chan eil fios agam /

chan eil mi cinnteach

11

11

9

5

Ghabh grunn daoine an cothrom am beachdan air na ceistean seo a leudachadh. Bha a’ mhòrchuid a’ gabhail ri inbhe nàiseanta na Gàidhlig ach bha beagchuid teagmhach:

 

·         ‘Gaelic is Scotland’s native tongue and culture. Scots as a whole should be made more aware of this’

·         ‘The language is integral to the culture and history of the country. To undermine one is to undermine the other’

·         ‘Tha buaidh aig/air a bhith aig a’ Ghàidhlig air gach uile ceàrnaidh de dh’Alba. Anns an latha an-diugh, tha i a’ buntainn a cheart cho làidir ris na bailtean mòra ‘s a tha i ris a’ Ghàidhealtachd’

·         ‘Seo an aon àite air thalamh far a bheil a’ Ghàidhlig ga bruidhinn agus ma leigeas Alba leatha bàsachadh caillidh an saoghal i’

·         ‘Chan eil fhios agam ciamar is urrainn dhan a’ Ghàidhlig a bhith cudromach far nach robh i air a cleachdadh a-riamh is far nach eil eòlas air cultar agus eachdraidh nan Gàidheal’

 

Bha diofar bharailean aig an luchd-fhreagairt air seasmhachd na Gàidhlig cuideachd. Bha caochladh thuigsean aig daoine air ciall an fhacail ‘bàs’ agus air dè ghabhas dèanamh airson na Gàidhlig aig an ìre seo.

 

Bha mìneachaidhean pongail aig cuid de na daoine a tha den bheachd gu bheil an cànan a’ bàsachadh:

 

·         ‘Chan eil gu leòr clann ga bruidhinn no gu leòr inbhich ga h-ionnsachadh agus chan eil gu leòr ga dhèanamh airson a’ chùis a leasachadh’

·         ‘Chan eil clann nan Gàidheal ga bruidhinn’

·         ‘Tha a’ Ghàidhlig mar a dh’ionnsaich mis’ i, a’ bàsachadh. Chaidh mise dhan sgoil a dh’ionnsachadh [Beurla] ach tha a’ chlann anns a’ bhaile far na dh’èirich mi, a-nise dol dhan sgoil a dh’ionnsachadh Gàidhlig. Chan eil i aca bho ghluin na màthar! ‘S e rud acadaimigeach a th’ann a-nis.’

 

Bha cuid eile a’ faicinn adhbharan misneachd: gu bheil na h-àireamhan de sgoilearan ann am foghlam Gàidhlig a’ fàs, gu bheil an cànan nas nochdaidhe anns na meadhanan, rud a tha ag atharrachadh ìomhaigh a’ chànain; agus gu bheil barrachd cloinne a’ dol an sàs anns na h-ealain Ghàidhlig seach mar a bha deicheadan air ais.

 

·         ‘In its old form it is dying or half dead already but revival is bringing [a] new form that can hopefully be sustained’

·         ‘Gheibh i bàs ceart gu leòr mura dèanar barrachd leasachadh air foghlam. Tha cus airgid a’ dol a-steach do phròiseactan nach eil idir a’ buntainn ri “Joe Bloggs” aig a bheil Gàidhlig’

·         ‘I feel it is floundering and this is a crucial time. The Scottish Executive has the power at this stage to direct it either way’

 

Bha beachdan beòthail aig an luchd-fhreagairt a thaobh ìomhaigh na Gàidhlig ann an sùilean dhaoine, agus a thaobh na h-ìomhaigh ‘sheann-fhasanta’ a tha aig a’ chànan.

 

·         ‘Prior to [my] kids joining GME, I probably would have agreed but [now] see “normal” kids leading “normal” lives, just being educated in Gaelic’

·         ‘A thaobh ealain, ’s e cuspairean seann-fhasanta bhios a’ mhòr-shluagh a’ faicinn. ’S e òrain sheann-fhasanta bhios sinn a’ seinn agus tha seo a’ sealltainn gu bheil sinn a’ coimhead air ais, mar gum biodh sinn ag iarraidh tilleadh chun na làithean a dh’fhalbh ’s nach till’

·         ‘B’ àbhaist i a bhith ceannairceach agus seann-fhasanta; a-nis [tha i] fasanta — gu sònraichte le [daoine] ‘middle class’, ach feumaidh Gàidhlig a bhith “cool” le daoine òg, 11-25’.

·         ‘Often efforts to update Gaelic and make it fashionable are patently contrived and just as hopeless in attracting younger speakers’

·         ‘Dè tha ceàrr air a bhith seann-fhasanta?’

·         ‘Most people have been given, or only allowed, a negative view of Gaelic’

·         ‘This is a minority view expressed by vociferous supporters of efforts to convert Scotland into a region of England’

 

Bha a’ mhòr-mhòrchuid den bheachd gu bheil e sàr-chudromach gum bi clann òg ag ionnsachadh na Gàidhlig. Chuir iad cuideam làidir air neartachadh na Gàidhlig anns na h-àrd-sgoiltean, air ceanglaichean eadar an òigridh agus an luchd-labhairt dualchasach (seann daoine gu h-àiridh), agus air cudromachd a’ cheangail eadar foghlam Gàidhlig agus an cultar/dualchas Gàidhealach. Bha cuid an dòchas gum faighte piseach anns an àm ri teachd: ‘My age-group has suffered many negative influences where Gaelic is concerned — influences that hopefully do not affect the younger generations who with the right encouragement will be proud of their language’

 


Co-dhùnadh

 

Tha toraidhean an rannsachaidh seo a’ nochdadh meud nan dùbhlan a dh’èireas an lùib iomairtean a chum leasachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann, agus is dòcha ann am bailtean eile ann an Galldachd na h-Alba far a bheil an cuibhreann den t-sluagh le Gàidhlig fìor bheag. Tha ìre cleachdadh na Gàidhlig glè ìosal: anns an dachaigh, ann an suidheachaidhean sòisealta, ann an àiteachan-obrach. Tha e gu math follaiseach nach eil mòran dhaoine beò tro mheadhan na Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Ged nach eil e reusanta a bhith a’ sùileachadh gum fàs Dùn Èideann gu bhith na chathair-bhaile Ghàidhlig, no fiù dà-chànanach ann an seagh ciallach, feumar dòighean a lorg airson dèanamh cinnteach gum bi e comasach do dhaoine ‘beatha Ghàidhlig’ a thaghadh ma thogras iad. Mura faighear cothroman agus structaran a bheir an taghadh sin do luchd na Gàidhlig, cha bhi àite cudromach aig Dùn Èideann ann an ath-bheòthachadh na Gàidhlig. Tha Comhairle Dhùn Èideann air gealltainn gum bi i a’ cur Plana Gàidhlig air dòigh an dèidh achdachadh Bhile na Gàidhlig; is cinnteach gum bi am Plana seo air leth cudromach airson adhartachadh a’ chànain anns a’ chathair-bhaile agus cruthachadh structaran is chothroman den t-seòrsa.

 

Chan eil anns an rannsachadh seo ach toiseach-tòiseachaidh agus is dòcha gu bheil e a’ togail barrachd cheistean na tha e a’ freagairt. Tha cruaidh-fheum air barrachd obrach den t-seòrsa, chan ann a-mhàin ann an co-theacs nam bailtean mòra ach cuideachd a thaobh choimhearsnachdan eile far a bheil a’ Ghàidhlig nas làidire. Gu dearbh, bhiodh e anabarrach feumail rannsachadh nàiseanta a chur air dòigh, mar a rinneadh (agus a nithear) anns a’ Chuimrigh agus gu h-àraidh ann an Dùthaich nam Basgach. Bidh fiosrachadh mionaideach air an t-suidheachadh shòsio-chànanach deatamach ma tha poileasaidhean leasachaidh na Gàidhlig gu bhith ciallach agus soirbheachail. Gu dearbh, seo am bunait, agus cha dèanar togail sam bith às aonais.


IOMRAIDHEAN

 

Duwe, Kurt (2003-04). Gàidhlig (Scottish Gaelic) Local Studies. 24 aistidhean. Wedel, a’ Ghearmailt: Hydromod (ri fhaighinn air an Eadar-lìon aig http://www.linguae-celticae.org/GLS_english.htm).

 

Euromosaic (1995). Gaelic language use survey (Research Centre of Wales) (ri fhaighinn air an Eadar-lìon aig http://www.uoc.es/euromosaic/web/document/ gaelic/an/e1/e1.html).

 

Fishman, Joshua (1991). Reversing Language Shift: Theoretical and Empirical Foundations of Assistance to Threatened Languages. Clevedon: Multilingual Matters.

 

MacCaluim, Alasdair (ri fhoillseachadh). ‘“More than Interesting”: Gàidhlig anns a’ Bhaile Mhòr’, ann am McLeod (ri fhoillseachadh).

MacKinnon, Kenneth (1994). Gaelic in 1994: Report to the Euromosaic Project. An Tòisigheachd, an t-Eilean Dubh: SGRÙD.

MacKinnon, Kenneth (1997). 'Minority languages in an integrating Europe: prospects for viability and maintenance', ann an Language Minorities and Minority Languages in the Changing Europe, deasaichte le Brunon Synak and Tomasz Wicherkiewicz, 93-109. Gdánsk: Wyndawnictwo Uniwersytetu Gdándskiego.

MacKinnon, Kenneth (2004). ‘Gaelic in the 2001 Census: A few green shoots amidst the gloom’, ann an Doonsin’ Emerauds: New Scrieves anent Scots an Gaelic / New Studies in Scots and Gaelic, deasaichte le J. Derrick McClure, 24-35. Béal Feirste: Cló Ollscoil na Banríona.

McLeod, Wilson, deas. (ri fhoillseachadh). Gàidhealtachdan Ùra: Leasachadh na Gàidhlig agus na Gaeilge anns a’ Bhaile Mhòr / Nua-Ghaeltachtaí: Cur chun cinn na Gàidhlig agus na Gaeilge sa Chathair. Dùn Èideann: Roinn Ceiltis agus Eòlas na h-Alba.

 

Market Research UK (2003). Attitudes to the Gaelic Language [taisbeanadh don BhBC]. Glaschu: Market Research UK.

 

Stockdale, Aileen, Bryan MacGregor agus Gillian Munro (2003). Migration, Gaelic-medium Education and Language Use. Slèite, an t-Eilean Sgitheanach: Ionad Nàiseanta na h-Imrich, Sabhal Mòr Ostaig (ri fhaighinn air an Eadar-lìon aig http://www.ini.smo.uhi.ac.uk/projects/migrationandGME.htm)

 


 

 

 

 

 

 

 

 

EÀRR-RÀDH

 


 



NOTAICHEAN

 

     [1]Tha rannsachadh cudromach a’ dol air adhart an-dràsta, fo stiùir an Ollaimh Choinnich MhicFhionghain, mar phàirt de Phlana Cànain nan Eilean Siar. Cuideachd, tha an Dr Kurt Duwe ag obair air grunn sgrùdaidhean ionadail (Duwe 2003-04) air suidheachadh cànanach dhiofar sgìrean air a’ Ghàidhealtachd, eadar tìr-mòr agus Innse Gall, a’ coimhead air fiosrachadh bhon chunntas-shluaigh thairis air 120 bliadhna agus a’ toirt sùil gheur air claonaidhean agus pàtrain nam beagan bliadhnaichean a dh’fhalbh.

 

     [2]Seo na naoi ìrean: (1) Managers and senior officials, (2) Professional occupations, (3) Associate professional and technical occupations, (4) Administrative and secretarial occupations, (5) Skilled trades occupations, (6) Personal service occupations, (7) Sales and customer service occupations, (8) Process, plant and machine operatives, and (9) Elementary occupations.

 

     [3]Seo ciall an fhacail ‘fileantach’ mar a tha e ga chleachdadh anns an aithisg seo. Tha an abairt ‘neach-labhairt dùthchasach’ (native speaker) ga mìneachadh a rèir càite an do thog duine a chuid Gàidhlig, mar a mìneachar gu h-àrd (mu choinneimh Clàr 7).

 

     [4]Cha deach an ceisteachan a sgaoileadh am measg clann a bha na b’ òige na 16 bliadhnaichean a dh’aois. Fhuaradh ceithir freagairtean bho àrdsgoilearan, ach gu mì-fhortanach is e glè bheag de fhreagairtean a fhuaradh bhon bhuidhinn 18-24, ged a chaidh iomadh lethbhreac den cheisteachan a sgaoileadh am measg oileanaich Oilthigh Dhùn Èideann.

 

     [5]Am measg an luchd-ionnsachaidh a chuir an cèill gu bheil iad a cheart cho fileanta anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla, bha aon duine a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla mar chànain choimheach. Mar sin is dòcha nach canadh an neach-freagairt seo gu bheil e a cheart cho fileanta anns a’ Ghàidhlig ’s a tha e anns a’ chànan mhàthaireil aige.

 

     [6]Cuideachd, chaidh an tionndadh Gàidhlig a thaghadh le 9 daoine a chuir an cèill gun urrainn dhaibh Gàidhlig a sgrìobhadh ‘gu ìre’ agus fiù aon duine a chuir an cèill nach urrainn dha Gàidhlig a sgrìobhadh. Tha e cudromach a thuigsinn nach robh mòran sgrìobhaidh a dhìth; mar as trice cha robh aig an luchd-fhreagairt ach diog a chur mu choinneimh nam freagairtean iomchaidh. Cuideachd, lìon cuid de dhaoine an ceisteachan Gàidhlig ach sgrìobh iad am beachdan anns a’ Bheurla co-dhiù.

 

     [7]Bha cead aig an luchd-fhreagairt còrr is aon fhreagairt a chomharrachadh an seo: mar sin bha e comasach do dhaoine nochdadh gun do dh’ionnsaich iad a’ Ghàidhlig aig an sgoil agus aig an taigh, mar eisimpleir. Bha tuigsean diofraichte aig na ‘dùthchasaich’ air a’ cheist seo ged-tà: chuir cuid an cèill, mar eisimpleir, gun do dh’ionnsaich iad an cànan aig an taigh agus tro bhith a’ fuireach ann an sgìre far a bheil a’ Ghàidhlig ga bruidhinn, ach sgrìobh cuid eile, a thogadh air a’ Ghàidhealtachd air an aon dòigh, gun do dh’ionnsaich iad an cànan aig an taigh, gun a bhith a’ sònrachadh gu robh iad a’ fuireach ann an sgìre far a bheil a’ Ghàidhlig ga bruidhinn. Mar sin, chan e dìreach luchd-ionnsachaidh a tha anns a’ bhuidhinn a thuirt gun do thog iad an cànan tro bhith a’ fuireach ann an sgìre far a bheil a’ Ghàidhlig ga bruidhinn.

 

      [8]Bha cead aig an luchd-fhreagairt còrr is aon fhreagairt a chomharrachadh an seo: mar sin bha e comasach do dhaoine nochdadh gun robh iad a’ fuireach ann an grunn àiteachan nuair a thog iad a’ Ghàidhlig. Ann an suidheachaidhean den t-seòrsa chaidh roinneadh a dhèanamh: ma chomharraich neach-freagairt ‘Dùn Èideann agus an t-Eilean Sgitheanach’, mar eisimpleir, fhuair Dùn Èideann 0.5 agus an t-Eilean Sgitheanach 0.5.

 

     [9]Feumaidh beagan amharais a bhith ann mu ìre fileantachd na cloinne a tha an sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ach a tha a’ fuireach ann an dachaighean gun (mhòran) Gàidhlig, ged a dh’agair am pàrantan gun robh Gàidhlig aca.

 

     [10]Bha e follaiseach gu robh suidheachaidhean caochlaideach aig an luchd-fhreagairt a thaobh na ceiste seo. Mar eisimpleir, do chuid den luchd-fhreagairt, bha clann òg a’ fuireach còmhla riutha, agus mar sin bhiodh am pàrant agus a’ chlann a’ bruidhinn ri chèile a h-uile latha; do chuid eile, bha an cuid cloinne nan inbhich agus cha robh còmhraidhean eadarra cho tric no cho dian. Cuideachd, thuirt grunn luchd-fhreagairt gum biodh iadsan a’ bruidhinn Gàidhlig ris an cuid cloinne ach gum biodh a’ chlann gam freagairt anns a’ Bheurla.

 

     [11]Chaidh a’ cheist seo a chur dìreach air pàrantan aig an robh còrr is aon neach-cloinne a’ fuireach còmhla riutha, oir cha bhiodh cothrom ceart aig pàrantan sùil a chumail air clann (inbhich no eile) nach robh a’ fuireach còmhla riutha.

 

     [12]Is e ‘daoine air nach eil sibh eòlach idir’ am mìneachadh a thugadh don fhacal ‘strèinnsear’ agus dh’fhaodadh e bhith gun do chuir cuid den luchd-fhreagairt san àireamh daoine nach b’aithne dhaibh a chuala iad aig tachartasan Gàidhlig. Bha na h-àireamhan a chaidh a thoirt seachad anns na freagairtean gu math ìosal, ged-tà, agus mar sin tha e follaiseach gun do thuig a’ mhòrchuid den luchd-fhreagairt a’ cheist a rèir dùil an neach-rannsachaidh, i.e. daoine a chluinneadh air tuiteamas ann am beatha làitheil ann an Dùn Èideann.

 

     [13]Chan eil an toradh seo a’ gabhail a-steach daoine a tha ag obair ann an sgoiltean/oilthighean/colaistean. Ma bha iad a’ cleachdadh Gàidhlig anns an t-suidheachadh seo chaidh sin a mheas mar ‘àite-obrach’. A thaobh an toraidh seo, tha e cudromach a chuimhneachadh gu bheil grunn dhaoine an sàs ann an cùrsaichean no clasaichean Gàidhlig aig sgoiltean/oilthighean/colaistean, agus gu bheil ìre cleachdadh na Gàidhlig anns an t-suidheachadh seo ga cur an àirde air sgàth sin.

 

     [14]Am measg nan daoine nach do chomharraich gu bheil iad an sàs ann am buidheann no buidhnean Gàidhlig, is dòcha gu bheil cuid ann nach do thuig a’ cheist, no a leum thairis oirre. Cha deach a’ cheist shìmplidh ‘a bheil sibh an sàs ann am buidheann/buidhnean Gàidhlig’ a chur; an àite sin, bha cothrom aig daoine na buidhnean anns a bheil iad an sàs a chomharrachadh.

 

     [15]Chaidh an ceisteachan a sgaoileadh mus deach Bothan, an ‘club oidhche’ Gàidhlig, a stèidheachadh. Tha Bothan a’ gabhail àite aon turas sa mhìos agus bidh mu 30-50 duine a’ tighinn ann, mar as trice.

 

     [16]Tha an toradh seo a’ dol le co-dhùnaidhean aithisg ùir air FTMG anns a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan (Stockdale et al. 2003), gu bheil pàrantan a thàinig don Ghàidhealtachd à Sasainn nas buailtiche FTMG a thaghadh don chuid cloinne na tha pàrantan ’dùthchasach’ a tha fileanta anns a’ Ghàidhlig.

 

   [17]Is e ciall na h-abairt ‘cànan màthaireil’ anns an aithisg seo (agus anns a’ cheisteachan) ‘prìomh chànan’, agus chan fheum e bhith gur e seo cànan màthair na cloinne.

 

     [18]Dh’fhaodadh e bhith gu bheil an luchd-freagairt tuilleadh is dubhach: ann an rannsachadh a rinneadh leis a’ chompanaidh Market Research UK ann an 2003 am measg mòrshluagh na h-Alba, thuirt 25% den luchd-fhreagairt gu bheil adhartachadh na Gàidhlig glè chudromach agus 41% a bharrachd gu bheil e cudromach, an taca ri 9% a thuirt nach eil e cudromach agus 4% a thuirt nach eil e cudromach idir (Market Research UK 2003). Ach chaidh an fheadhainn ud a cheasnachadh mu adhartachadh na Gàidhlig anns an fharsaingeachd, seach ann am bailtean Galldachd na h-Alba; is cinnteach gum biodh cuid den bheachd gu bheil e cudromach a bhith a’ adhartachadh na Gàidhlig anns a’ Ghàidhealtachd, ach nach eil seo cudromach taobh a-muigh na Gàidhealtachd.

 

     [19]Is e 1-10 na h-àireamhan a chaidh a shònrachadh anns a’ cheisteachan, ach thug cuid den luchd-fhreagairt neòni no fiù -10 mar fhreagairt. Chaidh a h-uile freagairt den t-seòrsa a mheasadh mar ‘1’.